Page 1 of 1

abairtean matha a tha mi air cluintinn

Posted: Wed Apr 16, 2008 4:22 pm
by neoni
tha mi air a bhith a' cumail liosta, 's dòcha gun còrd iad ribh, 's tha mi an dòchas gum bidh e feumail[/b]

duine dubh no geal
duine sam bith - "chan eil sin tarraingeach dha duine dubh no geal"
(chuala mi seo à duine às na hearradh)

na can an corr, mus can thu cus!
"shut your mouth before you embarrass yourself", cluinidh tu cuideachd "cha chan mi an corr mus can mi cus" msaa

a' dèanamh aithne gun chuimhne
nuair a tha thu a' faicinn cuideigin agus tha thu gan aithneachadh, ach chan eil cuimhne agad air an ainm.
(chuala mi seo à duine à dùn bheagan)

is treasa tuatha na tighearna
"the commoner is stronger than the lord" (landlord, etc)
(chuala mi seo à duine à cataibh)

fada gun nochdadh
dìreach fadalach. "tha mi duilich ach bidh mi fada gun nochdadh an-diugh, bha tùbaist rathaid ann"
(chuala mi seo à duine à leòdhas)

cha bu mhiste mi / b' fheairrde mi
wouldn't be the worse for / would be the better of
"cha bu mhiste tu tighinn dhan cheilidh"

's math ma mhaireas
"it'll be good if it lasts"

lan a' dhuirn
handful

cuir crioch air an fhuaim!
bi sàmhach!

cho fad 's às fiosraich mi
cho fad 's a tha fios agam, "as far as i know"
(chuala mi seo à duine à dùn bheagan)

a' tighinn dhan aon cheann
a' ciallachadh an aon rud. "chan eil e gu diofar ma dh'fhalbh e no ma fhuair e a' bhrog, tha e a' tighinn dhan aon cheann"
(chuala mi seo à duine à cataibh)

a' dèanamh air gorm
a' falbh
(chuala mi seo à duine às na hearradh)

air sgàth siud fhèin!
rud a chanadh tu do bhalaich lan chèistean. "carson a tha feur gorm?" "air sgàth siud fhèin"
"just because?"
(chuala mi seo à duine à leòdhas)

chan eagal dhut
na gabh dragh, ach cuideachd, sèorsa de, "tha thu ceart gu leòr le.."
"ò! chan eagal dhut a' ghàidhlig!"
(chuala mi seo à duine à cataibh)

mar mo chleachd
mar a tha mi an-comhnaidh. "bha e fada gun nochdadh, mar a chleachd"

feuchaidh sin do phocaid!
feumaidh gun robh sin daor. "càit' an do cheannach thu an car ùr ud? feuchaidh sin do phocaid!"
(chuala mi seo à duine à leòdhas)

mo thogair
tha mi coma
(chuala mi seo à duine à cataibh)

a-muigh 's a-mach
a' dèanamh soilleir. "tha mi ag ràdh - a-muigh 's a-mach - nach b' e mise a bh' ann!"
(chuala mi seo à duine à leòdhas)

a' cuir na dubhan air na dathan
concealing
(chuala mi seo à duine à leòdhas)

chan fhaca mi a d(h)ubh no a d(h)ath
chan fhaca mi sgeul air/oirre. "càit' a bheil i? chan fhaca mi a dubh no a dath o chionn fhada!"
(chuala mi seo à duine à leòdhas)


far an robh cuimhne agam, sgrìobh mi far an do chuala mi iad cuideachd.
ma tha mi ceàrr le dad, feumaidh sibh innse dhomh!

Posted: Wed Apr 16, 2008 10:36 pm
by faoileag
Cruinneachadh dìreach tarraingeach an sin, a neoni - taing mhòr! :lol:

Cha chuala mi torr dhiubh. Feadhainn snog! 8-)

Posted: Thu Apr 17, 2008 9:26 am
by GunChleoc
Is toil leam iad. Tapadh leat!

Chan eil iad fada gun nochdadh :lol:

Posted: Sat Apr 26, 2008 10:58 pm
by Coinneach Cìr
Tha feadhainn aca glè mhath, ceud taing! :)