Page 1 of 1

cnàiseadh

Posted: Wed Aug 10, 2016 5:10 am
by An Gobaire
cnàiseadh - grinding teeth


An do leugh no an cuala duine am facal "cnàiseadh"? Tha "cnuasadh is cnàiseadh" agam air "chewing and grinding" (teeth) ach chan fhaigh mi lorg air cnàiseadh sna faclairean.

cnàiseadh

Posted: Wed Aug 10, 2016 8:48 am
by GunChleoc
Tha na fuaimean san facal seo caran coltach ri "gnashing". Saoil an dàinig an dàrna facal on fhacal eile?

cnàiseadh

Posted: Wed Aug 10, 2016 12:21 pm
by akerbeltz
GSI, seadh? ;)

Tha e ann an DASG ach 's e MacNeacail an tùs dhen liosta ud cuideachd. Chì mi gu bheil cnuasaich (is cnuaiste le s caol) sna faclairean agus dh'fhaoidte, eadar sin agus buaidh na Beurla gnash, gun do nochd caochladh dheth sa Ghàidhlig?

Chan eil dad aig na h-Èireannaich a bharrachd a tha coltach ris... hm.

cnàiseadh

Posted: Fri Aug 19, 2016 5:54 pm
by An Gobaire
Taing mhòr. Tha siud a' dèanamh ciall.