Page 1 of 1

Shin sibh!

Posted: Sat Aug 13, 2016 11:02 am
by GilleRuadh
Shin a chàirdean! Dé mar a tha sibh? 'S iontach nach do dh'ùisnich mi am fòram seo roimhe.

'S ann á Glaschu a tha mise agus tha mi air a bhith a' fuireachd anns a' bhaile fad mo bheatha. Tha nam thìdsear agus bidh mi ag obair ann am Foghlam troimh Mheadhan na Gàidhlig. A' bharrachd air Gàidhlig na h-Albann, tha Gàidhlig na h-Éireann, agus a' Bhearla Ghallda agam gu ìre fhileanta. Tha Fraingis agus Cuimris agam ach ged nach eil mi fileanta fhathast, tha mi comasach còmhradh a chumail.

Tha ùidh mhór agam ann an dualchainntean na Gàidhlig, gu sònraichte dualchainntean Arra-ghàidheil agus àitichean ann an Tìr-mór na Gàidhealtachd.

Shin sibh!

Posted: Sun Aug 14, 2016 3:46 pm
by ithinkitsnice
Hi a Ghille, tha mi a' smaoineachadh gun robh mi a' tweeteadh riut mu dheidhinn luchd-ionnsachaidh Gàidhlig beagan mionaidean air ais.

Tha an àite seo beagan sàmhach, biodh e math nam biodh barrachd daoine ga chleachdadh.

Shin sibh!

Posted: Mon Aug 29, 2016 12:27 pm
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort! :)

Shin sibh!

Posted: Wed Aug 31, 2016 12:03 am
by faoileag
Fàilte, a Ghille!

Nach inntinneach sin! A bheil thu a' teagasg anns a' bhun-sgoil, no a bheil cuspair(ean) eile agad a bhios thu a' teagasg tro mheadhan na Gháidhlig?