Page 1 of 1
Cead & announcement
Posted: Mon Apr 21, 2008 9:28 am
by GunChleoc
Seo diolgheadas a th' agam le eadar-theangachadh an fhòram:
Duilich, ach chan eil cead fios cudromach a chur ann ach aig rianairean anns an fhòram seo
A bheil sin ceart?
Seo an tionndadh na Beurla:
Sorry, but only administrators can post announcements in this forum.
Posted: Mon Apr 21, 2008 4:34 pm
by neoni
Tha sin duilich, ach chan urrainn ach dha rianairean announcements a chur a-steach dhan fhòrum seo.
chan eil fhios agam dè th' agad air announcements, ach 's e sin a chanainn
Posted: Mon Apr 21, 2008 9:01 pm
by Stìophan
Chanainn-sa:
Tha sinn duilich*, ach chan urrainn ach na rianairean fios a chur air an fhòram seo
* 's dòcha gum bi
Thathar duillich nas fhreagaraiche
Choimhead mi 'sa Stòr-Dàta Briathrachais air son 'announcements' ach cha robh dad ann, ach tha
fios ann airson 'announcement'.
A bheil fhios aig duine eile?

Posted: Mon Apr 21, 2008 9:14 pm
by faoileag
Channainn-se 'chan fhaod ach na ....'
'S e 'cead' a tha cudromach an seo, chan e 'comas', 's dòcha?
Agus 'announcement' - 's dòcha 'fios oifigeil' (no brath/sanas/teachdaireachd oifigeil), an àite 'cudromach'?
(Ach 's dòcha gu bheil sibh air a bhith a' deasbaireachd air an roghainn den bhriathracan seo mu thràth. Chan eil mi ag iarraidh a h-uile rud a chur tro-cheile.

)
Posted: Mon Apr 21, 2008 9:21 pm
by faoileag
announcement n
rud (fir) air ainmeachadh
rud air ainmeachadh gin
rudan air an ainmeachadh iol
http://www.scotland.gov.uk/Topics/ArtsC ... Dictionary
Ach chan eil e glè 'snappy' mar eadar-theangachadh!
An seo 'notice' - 's toil leam 'brath' fhathast:
advance notice n
fios (fir) ro-làimh
fiosa ro-làimh gin
fiosan ro-làimh iol
commencement notice n
fios tòiseachaidh fir
fiosa thòiseachaidh gin
fiosan tòiseachaidh iol
final notice n
brath (fir) deireannach
bratha dheireannaich gin
notice n
brath fir
bratha gin
I have received a notice to that effect
tha mi air brath fhaighinn san robh an aon sgeul
notice n of meeting
brath (fir) coinneimh
bratha choinneimh gin
notice n of motion
brath (fir) gluasad
bratha ghluasaid gin
notice n of questions
brath (fir) air ceistean
bratha air ceistean gin
reasonable adj
reusanta br
reasonable notice
brath reusanta
statutory notice n
fios (fir) reachdail
fiosa reachdail gin
fiosan reachdail iol
http://www.scotland.gov.uk/Topics/ArtsC ... Dictionary
Posted: Mon Apr 21, 2008 10:47 pm
by neoni
cha channadh "thathar", oir tha siud ro fharsaing - fhios agad, chan 'eilear' duilich - dìreach muinntir an fhòraim
Posted: Tue Apr 22, 2008 1:48 am
by Stìophan
Chanainn-sa gu bheil
Faoileag ceart (ann an dà dhòigh):
Bu chòir dha bhith:
Tha sinn duillich, ach chan fhaod ach na rianairean rudan air ainmeachadh air an fhòram seo
Dè ur beachd?

Posted: Tue Apr 22, 2008 7:51 am
by GunChleoc
Is toil leam e, ach tha "rudan air ainmeachadh" ro fhada dhomh. Chì thu "Announcement"
an-seo, 's e a' chiad strath a th' ann anns an fhòram siud.
B' fhèarr leam "Fios" no "brath", de ur beachd?
Tha deasbaid eile air ann
an-siud
Posted: Wed Apr 23, 2008 12:08 pm
by Stìophan
Chanainn-sa gum biodh e na b'fheàrr a sheachnadh na Beurla ma-tha.
Mura bhios tu ag iarraidh 'rudan air ainmeachadh' a chleachdadh, cleachdaidh mise
fios:
Tha sinn duillich, ach chan fhaod ach na rianairean fios a chur air an fhòram seo
Tha mi a' faicinn gun do dhìochuimhnich mi
a chur sa phost mu dheireadh agam!

Posted: Wed Apr 23, 2008 1:36 pm
by GunChleoc
Na gabh dragh, chunnaic mi e nuair a atharraich mi a h-uile rud

Posted: Thu Apr 24, 2008 3:56 am
by An Gobaire
Tha mi fadalach a' tighinn a-steach air seo, ach, chanainn-sa fhèin rudeigin mar:
Duilich, ach 's iad rianairean a-mhàin aig a bheil cead fios a chur air an fhòram seo.
air neo, dìreach mar a th' agad mar-thà.
Tha dòigh no dhà eile ann cuideachd ge-tà.
M.e:
cuir naidheachd/teachdaireachd/brath an cèill do~ announce news/message to ~
m.e
Chan fhaod ach rianairean brathan a chur an cèill air an fhòram seo.
Tha Gàidhlig choitchean conaltrach ann cuideachd. Mar eisimpleir,
rud ainmeachadh - m.e:
's iad na rudan a tha rin ainmeachadh an-diugh~ today's announcements are~
Chan fhaod ach rianairean rudan ainmeachadh air an fhòram seo.
Chan eil an abairt mu dheireadh seo cho foirmeil idir ge-tà; 's e Gàidhlig bhruidhne a th' ann, 's dòcha. Car conaltrach.
This last phrase isn't particularly formal however. It's probably spoken Gaelic. Rather colloquial.
Posted: Thu Apr 24, 2008 8:21 am
by GunChleoc
Tapadh leat, tha sin glè inntinneach
