Page 1 of 1
Bùth-obrach 'Dacha mo Ghaoil' no leabhar sam bith eile?
Posted: Thu Sep 27, 2007 9:44 pm
by Gràisg
Saoil am biodh e gu mòran feum nan robh a leithid de bhùth-obrach againn? Ma dh’fhaoidte bidh nur cuimhne ciamar a bha sinn a' dèanamh deasbaid agus a’ leughadh ‘Dacha mo Ghaoil’ air skype an uiridh. A bharrachd air sin bha sin a’ togail cheistean san roinn Ghràmar agus roinnean eile.
Dh’fhaodadh sinn ‘Dacha mo Ghaoil’ a chur gu sgrùdadh turas eile no leabhar no pìos sgrìobhaidh sam bith eile.
Dè ur beachd?
Posted: Fri Sep 28, 2007 8:54 am
by GunChleoc
Tha Dacha mo Ghaoil agam mu dheireadh thall. Tha e glè dhoirbh dhomhsa fhathast co-dhiù. Leugh mi a' chiad duilleag agus bha mi trang airson uair leis an sin, saoilidh mi. 'S dòcha gum bi sgeulachdan beaga no leabhar dà-chànanach nas fhasa.
B' urrainn dhuinn bùth-obrach air cuspairean gràmair a dhèanamh cuideachd. Rinn Mìcheal seo aig an fhòram Gearmailteach agus bha sin feumail.
Posted: Sat Sep 29, 2007 3:00 am
by An Gobaire
Deagh bharail! No dè mu dheidhinn sgeulachd ghoirid?
Posted: Sat Sep 29, 2007 7:21 am
by Gràisg
Dè mu dheidhinn na sgeulachd a thug Michael MacAoidh dhuinn thall aig Iomairtean? Nan cuireadh sin an àirde ann a sheo e am biodh toiseachadh tòiseachaidh againn leis a sin? Saoilidh mi gum biodh e deònach cead a thoirt dhuinn.
Feumaidh mi aideachadh ge-tà, tha mi air mo bheò-ghlacadh le Dacha mo Ghaoil
Posted: Sat Sep 29, 2007 8:36 pm
by Coinneach Cìr
Càil sam bith a tha sibh a smaoineachadh a bhiodh freagarrach, tha mi deònach taic a thoirt dhuibh air tro Skype. Ma gheibh mi fhìn air a leughadh 
Posted: Sun Sep 30, 2007 4:45 am
by An Gobaire
Mòran taing, a Choinnich. Bhiodh sin sgoinneil. Tha mi dìreach an dòchas gum faigh mi fhìn an cothrom a bhith air loighne aig an àm ceart! Mura faigh, dòchas gum bi deagh bhùth-obrach agaibh uile co-dhiù; 's e deagh rud a bhiodh ann gun teagamh.
Posted: Sun Sep 30, 2007 8:01 am
by An Gobaire
Thàinig rud eile a-steach orm cuideachd. Dè mu dheidhinn bhith a' cleachdadh an làraich Sruth nan Gàidheal? 'S iad faidhlichean audio as motha a th' air an làrach seo, ach saoilidh mi-fhìn gum biodh cothrom ann deasbad math a thogail air na cuspairean agus tèamannan a dh'èireadh às na sgeulachdan sin. Tha mi air grunn dhiubh a chur air pàipear cuideachd.
Posted: Sun Sep 30, 2007 9:29 am
by Gràisg
Deagh smuain, bidh mise airson sin a dhèanamh. An cruthaich sinn sreath ùr? Dè an t-ainm a chuireas sin oirre?
Posted: Tue Oct 02, 2007 11:33 am
by GunChleoc
Dè mu dheidhinn
bùth-obrach na sgeulachd
Gràisg wrote:Dè mu dheidhinn na sgeulachd a thug Michael MacAoidh dhuinn thall aig Iomairtean? Nan cuireadh sin an àirde ann a sheo e am biodh toiseachadh tòiseachaidh againn leis a sin? Saoilidh mi gum biodh e deònach cead a thoirt dhuinn.
A bheil ceangal agad?