Page 1 of 1

Gaelic Online

Posted: Thu Apr 24, 2008 9:54 am
by ruighean
Tha Rhoda Meek air Gaelic Online leasachadh, seo an tuairisgeul a fhuair mi bhuaipe
'S e portal a th'ann an Gaelic Online, a' cruinneachadh ceangalan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig, a' toirt thugad na naidheachdan as uire, agus ag obair mar aite far an lorg tu fiosrachadh ur agus inntinneach gu luath! Tha sinn an comhnaidh a leasachadh na tha innte. Ma tha thu eolach air fiosrachadh no naidheachd nach eil againn, leig fios gu naidheachd@gaeliconline.co.uk
Gaelic Online is a portal, collecting links relating to Scottish Gaelic (Gaidhlig), streaming news content and providing an easy central point from which people can find new and interesting things! It is constantly updated. If you know of something we should include, email us: news@gaeliconline.co.uk

Posted: Thu Apr 24, 2008 4:46 pm
by GunChleoc
Abair tasglann ceangail uabhasach math :D

Posted: Thu Apr 24, 2008 11:32 pm
by Seonaidh
A bheil "Gaelic on line"? Tha an web site ag obair, ach nuair a chuir mi post-d dhaibh, fhuair mi "undeliverable" (naidheachd@...). 'S dòcha gur e "Gaelic off line" a th' ann! Càit' a bheil na sràcs ged-thà?

Posted: Thu Apr 24, 2008 11:58 pm
by ruighean
Seonaidh wrote:A bheil "Gaelic on line"? Tha an web site ag obair, ach nuair a chuir mi post-d dhaibh, fhuair mi "undeliverable" (naidheachd@...). 'S dòcha gur e "Gaelic off line" a th' ann! Càit' a bheil na sràcs ged-thà?
Thug mi sùil air agus ged a sgrìobh i naidheachd@gaeliconline.co.uk tha an ceagal a' dol gu news@gaeliconline.co.uk. An do dh'fheuch thu an seòladh sin?

** Chuala mi bho Rhoda an-diugh agus thuirt i gu bheil na seòlaidhean ag obair a-nis.

Posted: Sat Apr 26, 2008 10:27 am
by Gràisg
Chruthaich mi 'gif' airson 'side-bar' den bhlog agam. Ma dh'fhaoidte gum bi e feumail do duine sam bith eile a tha a' cleachdadh a leithid 'blogspot'.
Image
Tha agad còd a chur a-steach ge-tà