Page 1 of 1

Nach biodh e nas fhèarr...

Posted: Fri Apr 25, 2008 10:03 am
by Níall Beag
...a chuir a h-uile neachd na Tatù gu http://www.cainnt.co.uk?
What Gaelic tr*nsl*t**n services are available?

Gaelic tr*nsl*t**n services we provide include:
...
  • Phrases, slogans and t*tt** wording.

Posted: Fri Apr 25, 2008 12:55 pm
by neoni
ach bhiodh e saor 's an-asgaidh an-seo

Posted: Fri Apr 25, 2008 5:02 pm
by Níall Beag
Sin an trioblaid dhomhsa. Carson nach bu choir do dhaoine paigheadh?

Ma bhitheas sinn a chuir eadar-theangachadh gu daoine-sam-bith saor 's an-asgaidh, dé bhitheas sinn a' deanamh airson leasachadh na Gàidhlig?

Ma chuireas sinn a h-uile neach gu seirbheis mar Cainnt, bithidh airgead a' tighinn a-steach dhan t-saoghal Gaidhealach. Bithidh sinn a' cuideachadh 's cumail suas buidheannan bheaga.

Nach bitheadh sin nas fheàrr?

Posted: Sat Apr 26, 2008 11:54 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gur e deagh bheachd a th' ann. Cha robh mi eòlach air an làrach seo.

Posted: Sun Apr 27, 2008 5:20 pm
by Gràisg
'S e deagh bheachd a th' ann an siud, deagh bheachd gu dearbh.
Chaidh an làrach ud a chruthachadh le auspire web services - iadsan a tha a ruith savegaelic.org :D
Cuir a h-uile fear aca thuca!

Posted: Mon Apr 28, 2008 10:56 am
by Níall Beag
Gràisg wrote:Chaidh an làrach ud a chruthachadh le **sp*re w*b s*rv*c*s - iadsan a tha a ruith s*v*g**l*c.*rg
Dé Gàidhlig air <shudder>.

Tha mi toilichte a ràdh gu bheil iad direach nan "host". Chan ann aig iadsan a tha an buidheann fhéin. Bha Cainnt air Gabh Gnòthach dà sheachdainn air ais 's ann le croitear Leòdhasach a tha a' chompanaidh -- chan ann le Vince.

Posted: Mon Apr 28, 2008 5:45 pm
by GunChleoc
Níall Beag wrote:Dé Gàidhlig air <shudder>.
Chan eil càil a fhios am 's facal sam bith ri faighinn anns an Watson.

Posted: Mon Apr 28, 2008 11:31 pm
by Coinneach Cìr
Aidh ma tha iad gu cinnteach ag iarraidh eadar-theangachadh mar seo tha e cho math dhaibh pàigheadh air a shon. Cha bhithinn cofhurtail mo bheachd a thoirt seachad air rud a bhiodh duilich atharrachadh às dèidh làimh nas motha.