Page 1 of 1

Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran

Posted: Mon Jun 22, 2020 3:48 pm
by GunChleoc
Peabar ⁊ Curran

Image

’S e dealbh-èibhinn saor a th’ ann am Peabar ⁊ Curran a tha freagarrach do gach aois agus nochdaidh eapasod ùr mu gach dàrnacha mìos. ’S e fear-ealain Frangach David Revoy a tha san ùghdar is tha e ’ga thabhann an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0. Cha ghabh an t-ùghdar ach ri tabhartasan saor-thoileach mar thuarastal. Tha gleus tar-sgrìobhaidh aig an dealbh-èibhinn agus nì sibh lorg luath san fhaclair le Wordlink gu luath. Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh a leughadh os àrd cuideachd.



Seo blasad dhen obair-ealain:

Image
Image
Image
Image
Image
Image
Image

Dealbhan le David Revoy, fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0.

Re: Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran

Posted: Mon May 24, 2021 1:00 pm
by Nic
Tha an ealain àlainn!

Re: Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran

Posted: Wed May 26, 2021 12:10 am
by faoileag
Abair obair a rinn thu, a Ghun Chleoc! :-o
Meal do naidheachd - sgoinneil fhèin!
Bidh mi ga mholadh. :-)

Re: Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran

Posted: Fri May 28, 2021 8:36 pm
by GunChleoc
Tha mi toilichte gu bheil e a' còrdadh ruibh :)