Page 1 of 1

Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: Mon Jun 29, 2020 10:52 pm
by akerbeltz
Thàinig leasachadh air an t-seòrsachadh san fhaclair. Chuir Will 's mise òrdugh Gàidhealach an àite na riaghailtean na Beurla mar a chleachdas na h-algorithms a ghnàth. Ann an òrdugh na h-aibidil, tha - agus ' air an leigeil seachad 's tha, mar eisimpleir, Cailleach Bheurra eadar cailleach-bheag a' chìrein agus cailleach-bhreac a-nis 's chan ann os an cionn mar a bha i roimhe. Grunn rudan eile an lùib an leasachaidh seo cuideachd, tha an seòrsachadh nas "cruaidhe" a-nis is chan eil D a' nochdadh gu h-ìosal aig deireadh nan d beaga ach tha iad am measg a chèile mar gun robh iad uile beag. An aon rud a thaobh a/à/á etc a-nis.

Image

Re: Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: Tue Jun 30, 2020 3:50 pm
by GunChleoc
Glè mhath :)

Re: Òrdugh seòrsachaidh ùr san Fhaclair Bheag

Posted: Thu Aug 06, 2020 12:19 pm
by akerbeltz
Tha gleus nan àrainnean beò a-nis cuideachd agus casg air ainmean-àite a ghnàth. Ach cuimhnichibh gur e gleus beta a th' ann, barrachd fiosrachaidh an-seo