Page 1 of 1

Làrach-lìn "An Sgeulachd Ghoirid" - sìos, imrichte no marbh?

Posted: Mon Jan 11, 2021 8:50 pm
by Cèid
A bheil fios aig duine sam bith dè thachair do an làrach-lìn http://www.ansgeulachdghoirid.com/ ?

B' e 2019 a bha an turas mu dheireadh a chleachd mi e, the mi a' creidsinn. B' e làrach-ìn feumail.

Re: Làrach-lìn "An Sgeulachd Ghoirid" - sìos, imrichte no marbh?

Posted: Tue Jan 12, 2021 8:11 am
by GunChleoc
Tha coltas gun deach a ghluasad gu e-stòras: http://www.e-storas.com/resources/short ... fault.aspx

Re: Làrach-lìn "An Sgeulachd Ghoirid" - sìos, imrichte no marbh?

Posted: Tue Jan 12, 2021 6:53 pm
by Cèid
Mòran taing! Cha robh cuimhne agam cò leis a tha an làrach-lìn seo. Bha mi a' smaoineachadh Stòrlann, 's dòcha, ach cha robh e air an làrach-lìn aca air àite sam bith agus bha eagal orm gu robh e air falbh.

Re: Làrach-lìn "An Sgeulachd Ghoirid" - sìos, imrichte no marbh?

Posted: Wed Jan 13, 2021 9:43 am
by GunChleoc
'S math gun do sgrìobh thu an-seo on a dh'ùraich mi e air liosta nan ceanglaichean againn cuideachd :)