Page 1 of 1

Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Sun May 02, 2021 5:37 am
by Nic
Halò a h-uile duine! Tha ceist agam. Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig, mar 'mood lighting'? Chi mi Trum, Triom, Gleus, Gean agus Fonn anns na faclairean. Chan eil fios agam dè am fear as fheàrr a chleachdadh! Tha mi a' sgrìobhadh còmhradh airson cartùn.


Seo na th' agam a-nis:

Harley: Dè tha dol?
Parker: Tha iad ag ràdh gur e 'mood lighting/lights' a tha seo/iad seo, ach chan e mo 'mhood' a th' annta!
Harley: Cha dèan iad solas dearg cho dorcha.

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Fri May 28, 2021 8:37 pm
by GunChleoc
Chan eil mi cinnteach. trum 's dòcha.

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Mon May 31, 2021 4:02 am
by Nic
Taing, a GhunChleoc! Chuir mi a' ceist air Twitter cuideachd. Thuirt cuideigin an sin gum biodh iad ag ràdh 'solas geana'. Rinn mi version/draft le “solas geana” agus a-nis, is urrainn dhomh fear a dhèanamh le trum cuideachd. Cuiridh mi GIF air an seo nuair I figure out how.

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Fri Jun 04, 2021 5:36 am
by Nic
Image




Tha e ag obair, tha mi a' smaoineachadh. :)

Dè ur beachd?

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Fri Jun 04, 2021 9:59 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gu bheil :D

Mholainn gun dèan thu barrachd obair air buaidh-astair nan gàirdeanan co-dhiù - tha coltas ro thiugh air an fhear sa chùlaibh an taca ris an fhear sa bheulaibh.

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Sat Jun 05, 2021 9:25 am
by Nic
Taing, tha thu ceart! Chan eil an loidhne cùil den gàirdean sa chùlaibh a' gluasad mòran bho far a bheil i a' ceangal ris an t-aodann. Bu chòir dhi gluasad sìos.

Sgrìobh mi e ann an na nòtaichean agam airson version eile. Agus fhuair mi facal ùr, buaidh-astair. Taing a-rithist! :D

Re: Ciamar a chanas sibh 'mood' sa Ghàidhlig

Posted: Sat Jun 05, 2021 10:02 am
by GunChleoc
Tha thu làn di-beathte :D