Page 1 of 1

"duilich"

Posted: Tue Feb 07, 2023 10:00 am
by semaphore
Latha math dhuibh uilie

Dè th' ann an "gur duilich" a lorgar measg tòrr òran? An e gu bheil "is duilich" fa-near? Neo a bheil seagh ann air nach eil mi eòlach? Thaobh òran mar is trice bidh an gràmar a' gabhail rathad eile bhon riaghailtean àbhaisteach (mana a shaoileadh tu).

taing mhòr

Re: "duilich"

Posted: Tue Feb 07, 2023 6:55 pm
by GunChleoc
Seo an t-aon structar 's a th' aig "Gura math a thèid leat". A bheil seo na chuideachadh dhut?

Re: "duilich"

Posted: Tue Mar 07, 2023 10:08 am
by semaphore
hm an ìre mhath... Tuigidh mi ciall na h-abairtean, bu chòir gum bitheadh "gur+buadhairean vs is+buadhairean" na thiotal air a' phost tha seo le cinnt thoradh chan aithinich mi an diofar eadar an ciallan. Chuir mi fo "òrain" a' cheist seo air thuiteamas gum biodh e buntainn ris, carson san òrain a-mhàin a chì mi e? Tha òran "gur milis Mòrag" agus is tric a chithear "gur duilich" ann an cainnt òrain ach le Beurla air mar "Mòrag is sweet". Ao-coltach ri mar bu dual le "Is milis Mòrag" is e fada na bu nadarra mas e sin a bha fa-near ann an cainnt àbhaisteach. An ionnann iad?

Re: "duilich"

Posted: Wed Mar 08, 2023 7:47 am
by GunChleoc
Chan ionnann.

Gura math a thèid leat - Tha mi a' guidhe gun tèid gu math leat
Is math a thèid leat - Tha fios agam gun tèid gu math leat

Chan eil mi cinnteach carson a tha iad a' cleachdadh fo-chlàs sna h-òrain.