Page 1 of 1

cèist sèimhachaidh

Posted: Tue Feb 07, 2023 2:04 pm
by semaphore
Tha e agam, cuine bu chòir dhomh sèimheachadh as dèidh fhaclan iolra, neo, shaoil leam gu bheil fiù 's nach cleachar e ro bhitheanta sna làithean-ne is caomh leam e. Bha mi a' toirt sùil aig a' cheagnal tha seo https://faclair.com/ViewDictionaryEntry ... E445E06E54 is chunna mi rud nach bu dùil leam.

na sionnaich beaga, na coin bheaga ach an uair sin "na daoine beaga"? a' gabhail ionadh mun seo.

taing mhòr

Re: cèist sèimhachaidh

Posted: Tue Feb 07, 2023 7:01 pm
by GunChleoc
'S e "na sionnaich bheaga" a tha san leabhar, 's e typo a th' ann is chuir mi ceart e.

A thaobh "na daoine beaga", cha chreid mi nach e abairt reòite a tha ann mar a tha "rud sam bith" - 's e "rud sa bhith" a bhiodh agad le gràmar an latha an-diugh.

Mar sin dheth, tha an riaghailt gun chleachd thu sèimheachadh às dhèidh caolachaidh san iolra ceart fhathast.

Re: cèist sèimhachaidh

Posted: Tue Feb 07, 2023 7:31 pm
by akerbeltz
daoine doesn't count as slenderising plural, 's e iolra neo-riaghailteach a th' ann

Re: cèist sèimhachaidh

Posted: Tue Mar 07, 2023 9:43 am
by semaphore
miorbhaileach math tapadh leibhse