Page 1 of 1
Highland Airways
Posted: Tue Jul 15, 2008 7:30 pm
by An Gobaire
Tha làrach trì-cànanach aig Highland Airways a-nis. Faodaidh muinntir na Gàidhealtachd an turas aca a thaghadh 's a ghlèidheadh tro mheadhan na Beurla, na Gàidhlig no Cuimris! Abair adhartas!
http://www.highlandairways.co.uk/cgi-bi ... =2&LANG=SC
Posted: Wed Jul 16, 2008 4:07 pm
by *Alasdair*
Aidh, tha e fìor mhath, ach tha turasan-adhair glè, glè dhaor!
Inbhir Nis - Southampton - £402! Agus chan eil sin faradh gach rathad!!!
Posted: Wed Jul 16, 2008 4:51 pm
by neoni
dona dhan àrraineachd cuideachd

Posted: Sat Jul 19, 2008 3:34 pm
by Níall Beag
"LANG=SC"?
'S e GD an t-ainm goirid airson Gàidhlig!
Posted: Sun Jul 20, 2008 9:59 pm
by GunChleoc
Níall Beag wrote:"LANG=SC"?
'S e GD an t-ainm goirid airson Gàidhlig!
Dè a chleachdas iad don Albais a-nis?
Is toil leam an làrach-lìn seo co-dhiù. Tha e furasda am fiosrachadh a tha thu ag iarraidh fhaighinn

Posted: Mon Jul 21, 2008 3:51 pm
by An Gobaire
LANG=SC
Dè tha ceàrr le sin? THa iad ceart sin a dhèanamh. 'S e cànan nan Albannach a th' anns a' Ghàidhlig. 'S e Albais is còir a bhith oirre, a' cheart cho math leis a' Bheurla Ghallta.
Posted: Tue Jul 22, 2008 3:40 pm
by neoni
Posted: Wed Jul 23, 2008 12:52 pm
by Níall Beag
'S e SCO a th' air Beurla Gallda.