Page 1 of 1

Alt conspaideachd

Posted: Sun Jul 27, 2008 12:55 pm
by Gràisg
Ri leughadh san Albannach...

http://news.scotsman.com/gaelic/Gu-d-am ... 4327677.jp

ris an canar 'Gu dè am feum a th' ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù?'

'S e rud furasta a th'ann ann a bhith a' toirt seachad beachd ach a bheil plana B na Gaidhlig aig duine sam bith ma bhios iad den bheachd nach eil BnG ag obrachadh mar bu choir?

Posted: Tue Aug 05, 2008 10:55 pm
by Seonaidh
Uill, dè do "thake" air an naidheachd an-diugh?

Posted: Tue Aug 05, 2008 11:17 pm
by Gràisg
Saoilidh mi gu bheil thusa a-mach air 'Moireach a' fàgail Bhòrd na Gàidhlig', tuilleadh ann an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... bord.shtml

'Is coltach gu bheil mì-thoileachas an taobh a-staigh a' Bhùird le dìth ghoireasan agus luchd-obrach, a tha ga fhàgail duilich dhaibh an dleastanasan a choilionadh. '

Is coltach gu bheil gu dearbh.

Chuala mi gu bheil seachdnar de luchd obrach aig BnanG an taca ri 70 aig Bwrdd Yr Iaith Gymraeg. 'S e drochd naidheachd a th' ann tha coltas cugallach air cuisean a-nis

Posted: Wed Aug 06, 2008 9:04 pm
by Seonaidh
Ceart gu leòr, a Ghràisg. Dè bhios a' tachairt, saoil?

Posted: Thu Aug 07, 2008 12:13 am
by Gràisg
Bidh mise a' dusgadh sa mhadainn agus bidh BnG fhathast ann, bidh Gaidhlig fhathast beo agus bidh pris ola agus cornflakes a' sior dol an airde.
Co aig a tha fios Sheonaidh? Co aig a tha fios?
A bheil beachd aig duine sam bith eile?

Chan eil mise airson tuilleadh a ràdh – tha fhios aca far a bheil mise a’ fuireach :cuidich: (chan eil mi ach ri f2 leis a sin lol)

Posted: Thu Aug 07, 2008 8:13 pm
by Seonaidh
Chan eil beachd agam - bha mi' n dòchas gum bi beachdan aig daoine eile. Tha na tachartasan a' cur an aire gu bheil buaireas anns a' Bhòrd, ach chan eil mi ga aithneachadh idir.