Page 1 of 1
Ceist: "As X as Y"
Posted: Sun Aug 03, 2008 2:25 am
by Graineag
Tha ceist agam mu dheidheinn abairt Beurla "as X(adj.) as Y(noun/noun phrase)." Ciamar a chanas mi abairt mar seo 'sa Ghàidhlig? Mar eisimpleir, "As American as apple pie", no "As Scottish as rain", amsaa?
Posted: Sun Aug 03, 2008 10:26 am
by neoni
cho X ri Y
tha torr abairtran ann mar sin;
cho làn ri ugh
cho sgìth ri seann chù
cho fuar ris a' phuinnsean
cho doigheal ri brog (am fear as fheàrr leam)
is msaa
rud eile a dh'fhaodadh bhith feumail dhut "the Xer the Yer" (the bigger the better etc)
mar as X (superlative), 's ann as Y (superlative) (mar as motha, 's ann as fheàrr, etc)
Posted: Sun Aug 03, 2008 9:43 pm
by eideard
Bidh abairtean eile ann cuideachd, mar :
cho luath 's a ghabhas - as soon as possible
tha mi cho trang 's a ghabhas -I'm as busy as it gets
cho ceart 's a ghabhas -as right as can be
cho ceàrr 's a ghabhas -as wrong as can be
Posted: Mon Aug 04, 2008 9:20 pm
by Seonaidh
cho luath 's a ghabhas - as soon as possible
tha mi cho trang 's a ghabhas -I'm as busy as it gets
cho ceart 's a ghabhas -as right as can be
cho ceàrr 's a ghabhas -as wrong as can be
...an e "cho luath RIs a ghabhas" is eile a th' ann an seo, le " 's " ann an àite " ris "? (cho fada 's a tha fios agamsa...)
Posted: Mon Aug 04, 2008 10:06 pm
by neoni
's e "agus" am fear sin, ach cha chreid mi gun can duine sam bith ach " 's "
Posted: Tue Aug 05, 2008 10:50 pm
by Seonaidh
An e? Ach mura chan duine sam bith ach "'s", ciamar a tha duine a' faighinn fios air?
Posted: Tue Aug 05, 2008 11:01 pm
by neoni
seann stuth agus tha cuid dhuine fhathast ga sgrìobhadh