Cuir fios gu Pàrlamaid tro theacs/Text Sc. Parliament

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Cuir fios gu Pàrlamaid tro theacs/Text Sc. Parliament

Unread post by faoileag »

A chàirdean,

Faodar fios a chur gu na Pàrlamaid tro theachdaireachdan teacs a-nis. Faodar faighinn a-mach cò na BPA a th’ agaibh ma chuireas sibh ur còd-puist thugainn. Faodar cuideachd ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid is mu a h-obair agus faodar bileagan an-asgaidh òrdachadh tron t-seirbhis seo. Is e an àireamh againn 07786 209888. Cosgaidh teachdaireachdan prìs àbhaisteach an lìonra agaibh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun t-seirbhis air duilleag na Seirbheis Teacs. www.parlamaid-alba.org/SeirbheisTeacsa.htm

Ma chuireas sibh teacs thugainn leis an fhacal 'PASGAN', cho math ri ur n-ainm is seòladh, cuiridh sinn pasgan fiosrachaidh thugaibh le bileagan Gàidhlig mun Phàrlamaid. Tha sinn a' cur fàilte air teachdaireachdan sa Ghàidhlig.

* * *

It is now possible to contact the Scottish Parliament by text. You can find out who your MSPs are by sending us your post-code. You can also ask questions about the Parlialment and its work and order free information leaflets. Messages costs your standard network rate. More information about the service is available at: www.parlamaid-alba.org/SeirbheisTeacsa.htm

For a free pack of Gaelic leaflets about the Pàrlamaid, text us with the word 'PASGAN' with your name and address. We welcome messages in Gaelic.

Le deagh dhùrachd,

Alasdair MacCaluim

____________________

Dr Alasdair MacCaluim
Oifigear Leasachaidh Gàidhlig
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Fòn: 0131 348 5395
Facs: 0131 348 5601

www.parlamaid-alba.org


Post Reply