Page 1 of 1

What

Posted: Fri Sep 12, 2008 9:51 pm
by Neas Olc
Ceart gu leòr tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson tamalt (an e "tamalt" a th'ann an Gàidhlig air "a while"?) ach chan eil fios agam ciamar a chanas mi "WHAT I am doing" no "I know WHAT you are doing" etc. 'S e "dè" a th'ann am facal airson ceistean, ach tha mi a creidsinn gur e "na" a th'ann am facal nuair chan e ceistean a th'ann, an-deidh coimhead air doaine eile an-seo.

na tha mi a deanamh = what I'm doing (the thing I'm doing)

Ach chan eil mi cinnteach idir ma bhitheadh sin ceart oir cha do ionnsaich mi mu sin 'san clasaichean agam. Duilich ma tha mi beagan athaiseach! :gulach:

Posted: Fri Sep 12, 2008 11:47 pm
by neoni
tha thu glè cheart (le na tha thu a' smaoineachadh)

's e deagh rud a th' ann nuair a thogas tu rudan gun a bhith gan ionnsachadh ann an clas.

Posted: Sat Sep 13, 2008 7:10 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gun cleachd thu e mar sin:

Dè tha thu a' dèanamh?
A bheil fios agad dè tha thu a' dèanamh?
Dè rinn thu?

Tha fios agam na tha mi a' dèanamh
Is toil leam na rinn thu


Here's a list of word pairs that behave like that:

càite - far
cò - cò
dè, gu dè - na
carson - airson ('s) etc.
cuine - nuair
ciamar - mar

Posted: Sat Sep 13, 2008 9:04 pm
by Neas Olc
Tapath leat tha sin feumail gu dearbh. Chan eil fios agam airson 's nach do rinn sinn sin roimhe.

(A bheil sin ceart: airson 's nach do rinn sinn = why we didn't?)

A bheil na seantansan seo ceart? Tha mi ag ionnsachadh tro dheanamh rudeigin, mar sin dean mi oidhirp air a nis:

Tha fios agam mar a bitheas tu a'deanamh sin = I know how you'd be doing that

Tha fios agam airson 's gu bheil thu a'deanamh sin = I know why you do that

Posted: Sat Sep 13, 2008 10:37 pm
by neoni
Cha chleachdainn "airson 's" an àite "carson" idir.

Chanainn "chan eil fhios agam carson nach do rinn sinn..." agus "tha fhios agam carson a tha mi a' dèanamh sin."

Cuideachd, as dèidh rudan den leithid "chan eil fhios...", 's tric a chleachdas daoine an ceist - "chan eil fhios agam an tig e" agus msaa. Indirect questions a th' aca air sa Bheurla.

Bhiodh "tha fhios agam airson 's gu bheil thu a' dèanamh sin" a' ciallachadh "I know because you are doing that."

Posted: Sun Sep 14, 2008 12:09 am
by Neas Olc
Ceart gu leor mar sin tha "carson" air e chleachdadh gach àm airson "why".
Bhiodh "tha fhios agam airson 's gu bheil thu a' dèanamh sin" a' ciallachadh "I know because you are doing that."
Aaah smoainich mi sin, tha e coltach ri sin 'sa Ghàidhlig Mhannaineach. Ta fys aym son t'ou jannoo shen = because. Tha mi cho bùrach uaireannan. :naire: