Page 1 of 1

Cola-deug chudromach airson sgioba ball-coise Inbhir Narann

Posted: Fri Sep 12, 2008 10:14 pm
by Gràisg
A-màireach bidh Keith a’ ceilidh oirnn agus iadsan san treas àite agus Inbhir Narann sa cheathramh àite. Didòmhnaich 21 bidh sinn san chuairt dheireannach sa chupa ceann a tuath aig sràid Grannd (‘s e dhachaigh Clach a tha sin) agus bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall an aghaidh Caley Thistle.
A bharrachd air sin, Disathairne 27 bidh sinn uile a’ dol sios do dùn Èideann. Bidh Inbhir Narann a’ cluich an aghaidh Edinburgh City aig Meadowbank ann an cupa na h-Alba!

County Boys – air ais a-rithist!

Posted: Sat Sep 13, 2008 7:33 am
by GunChleoc
Nì sibh partaidh mòr ma bhuannaicheas iad gun teagamh!

Posted: Sat Sep 13, 2008 9:23 pm
by Gràisg
Image

Nan tachradh sinn:

b'ann le dùrachd chrìdheil
Lìonadh sinn ar cuach den dibhe :priob:

Posted: Sat Sep 13, 2008 10:48 pm
by neoni
Passma auf! "De(n)" nimmt goa net den Genetiv!

Faiceallach, cha ghabh "de(n)" an ginideach.

Posted: Sat Sep 13, 2008 11:20 pm
by Gràisg
Ghoid mi sin bhon leabhar Bardach Leodhais a charaid - ceart no ceàrr a tha e an-diugh the e a' còrdadh rium gu mòr.

' Agus 's ann le dùrachd chridheil
Lionas sinn ar cuach dibhe
Churieas Gàidheal 'n-diugh gum bilibh
Gu bhith 'g òl:
Slàinte mhòr is sonas bith-bhuan
Dh'uachd'ran Leòdh'is.'

An T-urr Dònmhnall MacCaluim

Uachdaran Leodhais