Page 1 of 1
Mise air prògram Choinnich
Posted: Thu Oct 04, 2007 10:22 pm
by Coinneach Cìr
Chan eil mi cinnteach ma 's e naidheachd a tha seo no nach e ach co-dhiù cha deach càil a sgrìobhadh an seo fhathast 
Bha mi bruidhinn air prògram Choinnich an-diugh sa mhadainn, 's e an cuspair a bha aca a bheil Glaschu (agus bailtean mòra) cunnartach. Bha mise ag ràdh nach robh cho fad 's a bha thu an ìre mhath glic. Bidh cothrom agaibh èisteachd an seo fad là no dhà co-dhiù, bha sinn ann aig toiseach a' phrògram.
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/
Posted: Fri Oct 05, 2007 12:40 pm
by amhlaobh
A Choinnich,
dh'èist mi ris a' phrògram air an t-slighe gu h-obair, agus bha amharas agam gum b'e dhutsa a bhruidhinn

Co-dhiù, tha mise dhen bheachd gum bi na meadhanan nas cunnartaiche na rud sam bith eile: gach feasgar anns na naidheachdan 'se a' phrìomh chuspair cò chaidh a chur gu bàs no cò bhàth ann an Loch Laomann no cò chaochail anns na beanntan. Feumaidh gum bi na daoine dhen bheachd gu bheil Alba an dùthaich as cunnartaiche san t-saoghal.
Ma dèan mi an coimeas eadar na naidheachdan Gearmailtich agus "Reporting Scotland", tha e coltach gu bheil "bias" car neònach anns an dùthaich seo.
Chan eil e mìorbhaileach gu bheil a h-uile daoine ag iarraidh CCTV aig gach oisean (tha e dearbhaichte nach dèan CCTV diofar sam bith a thaobh eucoir ach ann an pàrcaichean chàraichean aig a bheil feansaichean).
Sin mo bheachd-sa co-dhiù.
amhlaobh
Posted: Fri Oct 05, 2007 11:05 pm
by Coinneach Cìr
Ciamar a dh'aithnich sibh mi?
Tha sibh ceart, tha na meadhanan a cur seachad cus ùine bruidhinn air murt is bàs.
Posted: Sun Oct 07, 2007 6:09 pm
by GunChleoc
Uill, chaidh mi a Ghlaschu agus a' coiseachd tro na beanntann agus tha mi beò fhathast. 'S dòcha gum biodh agam ri dol a Loch Laomann an ath-thuras? :twisted:
Cha bu thoil leam an CCTV air feadh an dùthaich. B' fhèarr leam m' uaigneachd? (privacy) a chumail.
Posted: Sun Oct 07, 2007 10:38 pm
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:Cha bu thoil leam an CCTV air feadh an dùthaich. B' fhèarr leam m' uaigneachd? (privacy) a chumail.
Chan eil mi cinnteach dè a' Ghàidhlig a th' air ach tha mi dol leat co-dhiù.
Posted: Mon Oct 08, 2007 4:20 pm
by amhlaobh
Uill, thuirt Coinneach Mòr gun robh e a' bruidhinn ri "C. Coombe" (a bheil sin ceart?) agus bha sin seòrsa de thiodhlac (
giveaway)

Posted: Wed Oct 10, 2007 11:00 pm
by Coinneach Cìr
amhlaobh wrote:Uill, thuirt Coinneach Mòr gun robh e a' bruidhinn ri "C. Coombe" (a bheil sin ceart?) agus bha sin seòrsa de thiodhlac (
giveaway)

Chan eil ach aon 'o' agam 
Posted: Sun Oct 21, 2007 12:00 am
by Lughaidh
Bu toil leam èisteachd riut a Choinnich, am beil am prògram sin ri fhaigheann àite sam bith a thuilleadh a-nis ?

Posted: Sun Oct 21, 2007 11:35 am
by Coinneach Cìr
Lughaidh wrote:Bu toil leam èisteachd riut a Choinnich, am beil am prògram sin ri fhaigheann àite sam bith a thuilleadh a-nis ?

Oh bidh e air falbh a-nis, chan eil iad ga chumail air "èist a-rithist" ach seachdain. Cha do chlàr mise e oir nach caomh leam a bhi ag èisteachd rium fhìn!! Tha mi duilich.