Aonghas Dòmhnallach: Chaneil làn an t-saoghail gu leor

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Aonghas Dòmhnallach: Chaneil làn an t-saoghail gu leor

Unread post by Gràisg »

'Chaneil làn an t-saoghail gu leor


THA saoghal a’ feathamh air bàrr na creig, a’ feathamh gu faic sinn an teid siostam ionmhais an t-saoghail a bhriseadh. Chaneil gu deifir de dh’fheuchas riaghaltasan ri dheanamh, tha marcaidean iomhais an t-saoghail a’ deanamh air an àirde deas aig peilear am beatha. Agus de’s coireach gu bheil sinn air an ìre sa ruighinn? Sannt is miann an airgid. Bha h-uile càil a’ dol cho math, agus bha dùil aig muinntir an airgid nach tigeadh e gu ceann. Bha luach nan tighean a’ dol suas gun sgur. Bha na bancaichean a’ toirt seachad airgiod gun ghuth cuin a dheadh a phàigheadh air ais, no gu dearbha am b’urrain daoine phàigheadh air ais. Cha robh guth aig na bancaichean a robh a rud a bha’d a’ deanamh ciallach, no seasmhach. Bha coltas gu robh cuid do luchd-obrach nam bancaichean agus na tighean-ionmhais a’ cuir gheall le airgiod a’ phobuill, gun ghuth gum biodh latha ann air a’ feumadh iad cunntas a thoirt. Ach chaidh iad ro fhada agus thòisich fiughs cuid do luchd an ionmhais fhèin a’ ceasnachadh a’ bhun-stèidhidh air a robh cuid dha na cunntais air an togail. Agus sin a rud annasach. Tha saoghal an ionmhais mar a chaidh a chruthachadh bho chionn suas ri fichead bliadhna, a’ seoladh air seorsa do phulbhair. Suimean mòra do dh’airgiod air am bunntachadh air falasan, agus daoine gun chogais a’ deanamh fortan, a’ briseadh ghnothachasan, agus a’ toirt buaidh uamhasach air beatha dhaoine, dìreach le cluiche marcaidean earrainean agus ionmhais an t-saoghail. Bha h-uile càil ceart gu leor cho fads nach robh duine foighneachd cheistean. Ach aon uair ’s gun deach a’ cheist fhoighneachd, chaidh am pulbhair na cheòth, agus thòisich a h-uile càil a’ tuiteam as a cheile, le cuid agus eagal orra gun deadh am banc’ acasan gun a’ bhalla, agus feadhainn eile le eagal gun deadh faighinn a-mach de bha’d a’ deanamh.'


Tuilleadh a sgrìobh Aonghas air a' chuspair seo ann an seo:
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/869894
Post Reply