Page 1 of 1

Sanasachd inntinneach aig Fionnlagh... cuir do làmhan...?

Posted: Wed Oct 22, 2008 6:33 pm
by Gràisg
Image

Posted: Wed Oct 22, 2008 9:29 pm
by Seonaidh
A Ghràisg - chan eil mi a' tuigsinn. Tha dealbh, le sgrìobhadh air anns a' Bheurla (chan eil ach anns a' Bheurla), le àireamh de làmhan ag iarraidh fuireach ann an coimhearsnachd Ghàidhlig. A bheil seo coltach ris na h-adverts a chanas "Come home to a Real Fire - buy a holiday home in a Welsh-speaking community"? Am bu toil leinn muinntir mhòr aon-chànan Beurla fhaicinn a' gluasadh a-steach coimhearsnachdan Gàidhlig? Carson nach eil sanas Fhionnlaigh anns a' Ghàidhlig? Tha mi duilich airson wet blanket a bhith, ach chan eil aire an sanas cho glan ris an sin.

Posted: Wed Oct 22, 2008 10:05 pm
by Gràisg
Seadh, a charaid, tha mise ag aontachadh leis a sin. 'S e laigse mhòr a th' ann gun teagamh sam bith agus b' fheàirrde le Fionnlagh le sanas dà-chananach aig a' char as lugha. Coimhearsnachd Ghàidhlig le sanasachd Beurla a-mhàin? Abair thusa gur e 'paradox' a th' ann. Co-dhiù bhiodh ùidh agam ann an timeshare - s' docha 8-) nan robh pris freagarrach ri fhaighinn air sgàth 's gu bheil mi air mo dhoigh glan ann an Inbhir Narann agus cha bhi mise airson ag imrich a-mach a seo, Gàidhlig ann no às.

Posted: Thu Oct 23, 2008 1:02 am
by Coinneach Cìr
Bidh CNSÀ gam fhàgail cracte le sgaoileadh fiosrachadh sa Bheurla a-mhàin. Tha barrachd na am postair seo ann.

Posted: Thu Oct 23, 2008 5:07 pm
by Níall Beag
Ma coimheadas sibh air an t-seòladh puist-d, chì sibh gu bheil seo sanas air son cùrsaichean "TIP", agus tha TIP air son daoine 's iad fhathast gun Gàidhlig.

Nise, chan e sanas math a th' ann (air sgàths nach their e có air a tha e a-mach) ach sin mar a tha e....

Posted: Thu Oct 23, 2008 10:48 pm
by Coinneach Cìr
Oh aidh, an-dràsta a mhothaich mi gu bheil an sanas a-mach air 'tip' seach CNSÀ. Mar a tha Níall ag ràdh chan eil an sanas math co-dhiù.