Fòram Gàidhlig Inbhir Nis - CCB & Taisbeanadh
Dimàirt 04 Samhain 2008 aig 7.00f
aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, an Slag Buidhe, Inbhir Nis
http://www.bsgi.highland.sch.uk/
'Gàidhlig ann an Inbhir Nis - Dè tha roimhpe?'
Tha leasachadh na Gàidhlig air ceuman a ghabhail air adhart le Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis 's Plana Gàidhlig na Comhairle air aontachadh. A bheil seo a' dol fada gu leòr 's dè tha ron Ghàidhlig sa àm ri teachd? Thigibh gu Coinneamh Choithcheann Bhliadhnail Fòram Gàidhlig Inbhir Nis far am bi Dòmhnall MacNeill, Manaidsear Leaschadh Gàidhlig airson Comhairle na Gàidhealtachd, a' toirt seachad taisbeanadh air Plana Gàidhlig na Comhairle. Cothrom deasbaid as dèidh làimh.
Inverness Gaelic Forum - AGM & Presentation
Tuesday 04 November 2008 at 7.00pm
at the Inverness Gaelic Primary school, Slackbuie, Inverness
http://www.bsgi.highland.sch.uk/
'Gaelic in Inverness - What does the future hold?'
The development of Gaelic has taken major steps forward in recent years with the establishment of Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis and the Highland Council Gaelic Plan being agreed. Do these developments go far enough and what does the future hold? Come along to Foram Gàidhlig Inbhir Nis's AGM where Donald MacNeill, Gaelic Development Manager with Highland Council, will be giving a presentation on the Highland Council's Gaelic Language Plan. Opportunity to debate developments afterwards.
Proceedings will be held in Gaelic. Simultaneous tr*nsl*t**n to English will be provided.
Bidh fàilte ron a h-uile duine/ All welcome
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:
For more information contact:
Fòram Gàidhlig Inbhir Nis
Fòn: 01463 241622
Post-d: fios@inbhirnis.org
Làrach-lìn: www.inbhirnis.org
Fòram Gàidhlig Inbhir Nis - CCB & Taisbeanadh
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
'Dimàirt 04 Samhain 2008 aig 7.00f' Bidh mise fhathast air trèana gu mi-fhortanach. Bidh oidhche inntinneach a th' ann gu h-àraid air sgath 's gu bheil FnG Inbhir Nis a' sealltinn beagan spionnaidh. Chì thu sin sna litrichean dhan Inbhir Nis Courier
Tha suidheachadh na Gaidhlig caran lag ann an Inbhir Narann an taca ri Inbhir Nis agus chan eil mise buileach cinnteach dè an dòigh as fhèarr air adhart. Agus sinn cho faisg air Inbhir Nis tha fiù 's gearanan ann gu bheil a h-uile càil ann an saoghal na beurla fo smachd Inbhir Nis sa bhaile seo agus ged a tha pailteas tachartasan againn co-ceangailte le 'Cultar na Gàidhlig' tha sin h-uile tro mheadhan na Beurla. an tèid adhartas a dhèanamh? Tha clann san sgoil Millbank a-nis ach càite a bheil ancomhearsnachd Ghàidhlig dhaibh taobh a-muigh geata na sgoile? Chan eil ann a sin ach ceistean a tha ri fhaighinn ann an mòran aiteachan eile ge-tà, 's e sin ri ràdh ceistean doirbh ath-ghluasad tilleadh cànain.

- Maor
- Posts: 206
- Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
- Location: Juneau
- Contact:
'S cinnteach nan robh mi ann an Inbhir Nis neo Inbhir Narann, rachainn ann.
'Saolidh mi gur a cùis nàire gu bheil tachartsan a tha mas fhìor a' chuir taic dhan Ghàidhlig a' tachairt ann am Beurla. 'S ann gun rian a tha seo.
Tha cuimhne 'am aig a' mhòd an uiridh, chaidh mi dhan deasbad a bha seo mu suidheachadh na Gàidhlig, ciamr a chumail suas msaa. Bha mu dhà fhichead an làthair co-dhiù.
Thachar a h-uile càil sa Ghàidhlig! Sin mar a bu chòir cùisean a bhith. 'S bha e cho nàdarach sa ghabhas. Carson ma tha nach eil tachartsan mar sin nas cumanta?

- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
An robh a' BhBC an làthair an turas sin? Bhon a chunnaic mise, chan eil tachartas sam bith air an cumail tron Ghàidhlig mura h-eil muinntir Rèidio nan Gàidheal ann.Tearlach61 wrote:'S cinnteach nan robh mi ann an Inbhir Nis neo Inbhir Narann, rachainn ann.
'Saolidh mi gur a cùis nàire gu bheil tachartsan a tha mas fhìor a' chuir taic dhan Ghàidhlig a' tachairt ann am Beurla. 'S ann gun rian a tha seo.
Tha cuimhne 'am aig a' mhòd an uiridh, chaidh mi dhan deasbad a bha seo mu suidheachadh na Gàidhlig, ciamr a chumail suas msaa. Bha mu dhà fhichead an làthair co-dhiù.
Thachar a h-uile càil sa Ghàidhlig! Sin mar a bu chòir cùisean a bhith. 'S bha e cho nàdarach sa ghabhas. Carson ma tha nach eil tachartsan mar sin nas cumanta?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Maor
- Posts: 206
- Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
- Location: Juneau
- Contact: