A togail Coimhearsnachd ùr Gàidhlig faisg air Inbhir Nis

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

A togail Coimhearsnachd ùr Gàidhlig faisg air Inbhir Nis

Unread post by Gràisg »

'Postair airson coinneamh ann an Inbhir Nis:
A togail Coimhearsnachd ùr Gàidhlig faisg air Inbhir Nis'

Thàinig e thugam Beurla a-mhàin agus tha sin a' cur dragh mhòr orm ach saoilidh mi gur e beachd airidh air sanasachd a th' ann.

Image
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Och, ha'way man! Coimhearsnachd Ghàidhlig faisg air Inbhir Nis? Faodaidh Inbhir Nis fhèin coimhearsnachd Ghàidhlig a bhith, nach fhaod? Cha toil leam experiments à la Patagonia airson taic a chur ri cànan de "àite eile". Bidh sin a' toirt gu buil mialachd am measgar feadh muinntir an àite - "They're taking over our village" is rudan coltach. Feumaidh a' choimhearsnachd Ghàidhlig a bhith còmhla ri gach duine eile, airson buaidh a chur orrasan. Tha cus eagal air duine airson Gàidhlig a chleachdadh agus seo prìomh dhùbhlan. Ann an coimhearsnachd Ghàidhlig fhallsa mar a chanas an sanas uimpe seadh, bidh iad a' bruidhinn Gàidhlig, ach anns an t-saoghal air a' bhlàr cha bhi. Cuideachd, tro chur a thaobh fàsaidh iad nan dithreabachan agus bàsaidh Gàidhlig còmhla riutha.

Uill, sin mo bheachd, co-dhiù.
yellow-ceitidh
Posts: 147
Joined: Fri Nov 09, 2007 8:32 pm
Corrections: I'm fine either way

Unread post by yellow-ceitidh »

Tha mi a' smaoinich tha Gàidhlig aif Fionnlaigh ... chuir mi post-d dha agus sgriobh e air ais 'sa Ghàidhlig. Bha mi ag ràdh gun bhi chan uarrain dhomh a' tigh airson feumaidh mi a' dèan mo GCSEan.
Finlay does speak Gaelic because I emailed him and he emailed back in it. I was saying I couldn't because I had to do my GCSEs.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

seadh tha fìor dheagh Ghàidhlig aige!

PS fhuair mi na leanas sa mhadainn seo (Dihaoine)

Leis mar a tha cho mor do dhaoine a togail uidh' as a choinneamh seo,bhithinn fada nur comainn, ma chuireadh sibh fios orm a thaobh bhithlathair.
Due to the high level of interest in this meeting it would help me if you could let me know if you wish to attend.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Genuine "LOL" moment on another forum:
Eachann wrote:I think that the idea has its merits, chiefly that Finlay could move there.
Last edited by Níall Beag on Sat Nov 01, 2008 10:49 am, edited 2 times in total.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Seadh - tha Gàidhlig aige - bha mi a' bruidhinn ris. Ach chan eil mi cho cinnteach mu dheidhinn an treud aige. Carson na sanasan anns a' Bheurla? Am bi "The Strathspey English Language Promotion Society" (chan eil mi a' creidsinn gum bi buidheann coltach ann am bith...) a' dèanamh sanasan Gàidhlig?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Saoilidh mi nach bi Seonaidh ag imrich do Finlayville :)
Fionnlagh
Posts: 73
Joined: Wed Sep 17, 2008 7:23 pm

Unread post by Fionnlagh »

xxx
Last edited by Fionnlagh on Tue Jan 13, 2009 4:52 pm, edited 1 time in total.
Fionnlagh
Posts: 73
Joined: Wed Sep 17, 2008 7:23 pm

Unread post by Fionnlagh »

xxxx
Last edited by Fionnlagh on Tue Jan 13, 2009 4:53 pm, edited 1 time in total.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Tha a h-uile rud a tha sibh ag ràdh ceart, Fhionnlaigh.

Agus ceart mar a bhios sibh beachdachadh air criomadh nan coimhearsnachdan Gàidhlig anns an fhìor shaoghal, mar gum biodh; tha sibh tighinn a-steach agus coimhearsnachd lìon na Gàidhlig a mhilleadh le sanasan aona-chànanach na Beurla.

'S e fòram Gàidhlig tha seo, mar sin, cha bhiodh duilgheadas sam bith dhuibh, leis na sgilean dà-chànanach a th' agaibh, Gàidhlig a chur air a h-uile càil a sgrìobh sibh ann am Beurla ann a' shin.

Tha sibh a' faighneachd dhinn, saoil dè tha fa-near dhuinn gus Gàidhlig a ghlèidheadh, is a neartachadh, nach eil? Ueill, chan eil airgead poblach againn mar a th' agaibh, agus 's e fòram a chruthaich tè-ionnsachaidh na Gàidhlig às a' Ghearmailt air a ceann fhèin. Agus cha chreid mi gu bheil airgead poblach aice a bharrachd!

Mar sin, 's e an ceist a bu chòir dhuibh a bhith faighneachd...dè tha sibh fhèin a' dèanamh...? Agus dè tha na buidhnean Gàidhlig uile a' dèanamh?

Tha mi toirt dhuibh mo làn-thaic anns an oidhirp gus coimhearsnachd ùr a thogail.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Tha mi ag aontachadh gun bu choir do Ghaidhlig a bhith na phàrt nàdurra dem beatha, ach mar sin cha bhitheadh -- bitheadh e rud gu math conspideach. Agus dé mu dheidhinn na Gaidhealan le càirdean 's clann gun a' Ghaidhlig? "If you love me, you'll learn my language!" An ann mar sin a bitheas e?

Cha bhitheadh àite mar seo "nàdurra", am bitheadh?
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Chan e rud ùr a bhiodh ann don Ghàidhlig a' choimhearsnachd seo a chruthachadh. 'S e rud ùr a bhiodh ann do Ghàidhlig na h-Alba, ach ann an Èirinn, chaidh coimhearsnachd ùr a chruthachadh do luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann ann an Waterford bho chionn 50 bliadhna.

Rud diofraichte ge-tà, gun deach fearann a thoirt do chroitearan à taobh siar na h-Èireann. Bha Gàidhlig aig na daoine sin mar-thà, agus 's i coimhearsnachd Ghàidhlig a th' ann fhathast fhad 's is aithne dhomh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Uill, 's dòcha gum biodh e a' crochadh air ciamar a bhios coimhearsneachd a leithid ag obair nam biodh piseach air? Feumaidh mi smaoineachadh air a bharrachd 's mi ann an cabhag a-nis :cabhag:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply