'Boiteag' air Facebook (Koobface.b) - worm on Facebook

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

'Boiteag' air Facebook (Koobface.b) - worm on Facebook

Unread post by Gràisg »

An-diugh bhruth mi air ceangail ann an teachdaireachd a fhuair mi air facebook agus an uair sin fhuair boiteag ris an canar 'Koobfaceb' a-steach mo chunntas Facebook. Sa bhad chuir e 2 * 20 teachdaireachdan do daoine air mo liosta cairdean. Fhuair mi cuidhteas dheth le Norton ach tha fhathast stuth grod a chaidh gu domhainn ann an WIndows air mo choimpiutar, bidh agam an clar cruaidh a glanadh agus a h-uile cail a chur a-steach a-rithist. Bha mise laidir den bheachd gur e aite sabhailte a bh' ann an Facebook ach cha robh agus bha agam rabhadh a chur dhan a h-uile duine a bha air an liosta agam. Chan eil mi cinnteach ma bhios mi a' cumail a' dol le facebook a-nis. 'S math gu bheil laptop agam airson faighinn air loidhne ach chan eil na sracs ag obrachadh gu math idir air an inneal seo :-(
Chuala mi gu bheil a' bhoiteag seo dripeil trang air Bebo agus Myspace cuideachd agus chan eil fhios agam nam biodh e cunnartach ann a sheo ach thoir an aire sna aiteachan eile!


Nasty worm on facebook, take care when opening messages.
can't be bothered tr*nsl*t*ng it all
Plenty on line about it - just google facebook, worm & Koobface.b
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Chan eil sin a coimhead gu math! S'feumaidh tu teachdaireachd a chuir do Facebook mu dheidhinn, agus tha mi'n dochas gun urrainn dhaibh gad chuideachadh. Tha mi a'creidsinn gu bheil doaine aca airson ceistean mar sin.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha fios aca gu bheil e ann. Tuilleadh fiosrachadh air dè thachair is dè bu chòir dhan luchd-cleachdaidh a dhèanamh ri fhaighinn air Inside Facebook

Gu-hàraidh bithibh daonnan faiceallach nuair a leanas sibh ceanglaichean sam bith ann an teachdaireachd sam bith.


They know it's there. More info on what happened and what the users should do at Inside Facebook

Above all be always careful when following any links in any message.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply