Page 1 of 2
durachdan as an eilean dubh
Posted: Mon Nov 03, 2008 7:53 pm
by horogheallaidh
hallo a h-uile duine
s math a bhith an seo gu dearbh - cha robh fios am gu robh an leithid ann!
coimhead air adhart a bhith comhradh comhla ribh uile!
le durachdan
Posted: Mon Nov 03, 2008 8:08 pm
by neoni
chan eil mòran den ghàidhlig fhathast ga bruidhinn san taobh ud, a bheil? cà 'n do dh'ionnsaich thu? no an robh i agad bho thùs?
's math d' fhaicinn co-dhiù.
Posted: Mon Nov 03, 2008 8:42 pm
by GunChleoc
Halò is fàilte chridheil ort

Posted: Mon Nov 03, 2008 8:49 pm
by Gràisg
Feasgar math horogheallaidh, failte ort chun a bhord bhrath seo.

Posted: Tue Nov 04, 2008 7:51 pm
by horogheallaidh
hi guys
neoni - tha thu gle cheart - chan eil gaidhlig sam bith ri fhaighinn san eilean dubh na laithean seo - ach tha ionad ghaidhlig sgoinneil aig ard-sgoil inbhir pheofharainn agus a bhun sgoil cuideachd
thoisich mi ag ionnsachadh gaidhlig nuair a bha mi anns an ard-sgoil agus cuideachd chuir mi seachad bliadhna aig SMO -sin far an d'fhuair mi an cuid as motha dheth!
slainte!
Posted: Wed Nov 05, 2008 10:56 pm
by chris-1961
horogheallaidh wrote:hi guys
neoni - tha thu gle cheart - chan eil gaidhlig sam bith ri fhaighinn san eilean dubh na laithean seo - ach tha ionad ghaidhlig sgoinneil aig ard-sgoil inbhir pheofharainn agus a bhun sgoil cuideachd
thoisich mi ag ionnsachadh gaidhlig nuair a bha mi anns an ard-sgoil agus cuideachd chuir mi seachad bliadhna aig SMO -sin far an d'fhuair mi an cuid as motha dheth!
slainte!
Halò Horogheallaidh. Fàilte oirbh.
Ciamar a tha thu an-diugh?
'S mise Crìsdean agus tha mi a' fuireach ann an Penicuik, Alba.
Tha mi ionnsachadh Gàidhlig ag Colaiste Telford ann an Dun Éideann.
Hello Horogheallaidh. Welcome.
How are you today? My name is Christopher and I live in Penicuik, Scotland.
I am learning Gàidhlig at Telford College in Edinburgh.
Hope you enjoy being part of something that I have found very useful - namely this forum. Hope also to hear from you in the near future on here.
Mar sin leat an-dràsta agus mòran taing.

Posted: Wed Nov 05, 2008 11:00 pm
by chris-1961
neoni wrote:chan eil mòran den ghàidhlig fhathast ga bruidhinn san taobh ud, a bheil? cà 'n do dh'ionnsaich thu? no an robh i agad bho thùs?
's math d' fhaicinn co-dhiù.
Halò Neoni. Ciamar a tha thu an-diugh?
Tha mi glè mhath agus glè thoilichte an-diugh.
Hello Neoni. How are you today?
I am very well and very happy today.
Hope your family is well also.
Mar sin leat an-dràsta.

Posted: Thu Nov 06, 2008 7:43 pm
by Seonaidh
Haidh Horo. An e an fhirinn nach eil Gàidhlig ri fhaicinn an-siugh anns an Eilean Dubh? Tha mi ag aithneachadh bean às an E.D. - chan eil i sean, 's dòcha 40 bliadhna - a bha a' bruidhinn Gàidhlig an sin nuair a bha i òg. Ach cha toil leatha Gàidhlig!
Posted: Thu Nov 06, 2008 9:30 pm
by horogheallaidh
s docha gu bheil thu ceart a sheonaidh ged nach to thachair mi rithe fhathast! cho fads a bha mi-fhin a' tuigsinn, chan eil gaidhlig nadarra rim faighinn san taobh seo ach s docha feadhainn a golspaidh a tha fhathast ga bruidhinn
Posted: Thu Nov 06, 2008 10:54 pm
by Neas Olc
Failte ort! Dè tha an t-eilean dubh far an bheil thusa a fuireach- fhuair mi deich "eileanan dubh" air Google nuair a rannsaich mi air. 'S e ainm coiteanta a th'ann nach e?
Posted: Fri Nov 07, 2008 5:27 pm
by horogheallaidh
eilean dubh faisg air inbhir nis - alba
aite gu math beag ach breagha!!
Posted: Fri Nov 07, 2008 10:00 pm
by GunChleoc
Posted: Fri Nov 07, 2008 11:26 pm
by Seonaidh
An t-Eilean Dubh - am Black Isle - chan eil sin na eilean idir! 'S dòcha gur e leth-eilean a th' ann. Tha rathad-iarainn eadar Inbhir Nis is Thingvellir (Inbhir Pheofharan), trom Blàr Dubh (am Black Moor - Muir of Ord) agus tha an "t-Eilean" Dubh aig a dheasag. Tha mi a' creidsinn gu bheil Neig (Nigg) ann.
Posted: Sat Nov 08, 2008 10:19 am
by Gràisg
A' choimhead a-null air an Eilean Dubh bho chala Inbhir Narann (19 07 03) Dealbhan Shirley Scholes
an e 'null pointer exception' a th' ann an siud GC? 
Posted: Sat Nov 08, 2008 11:01 am
by GunChleoc
Chan e. Tha am mapa caran slaodach co-dhiù.
