Page 1 of 2
Mgr Rothach agus deagh chnap Beurla.
Posted: Mon Nov 24, 2008 10:36 pm
by Gràisg
Thuirt Ceit bhuidhe a-nochd:
‘Tha mi ag coimhead Cuide ri Cathy air iPlayer. Chreid mi gu'n robh tha Gàidhlig aig Donnachd Rothach ach tha iad a' bruidhinn 'sa Bheurla. Sianal Gàidhlig - dè tha dol?’
Chunnaic mise sin cuideachd agus feumaidh mi a ràdh gu robh fìor dheagh bheurla aige. Shaoil mi gur e fileantach a bh’ ann. A bheil e air fàs lapach na chuid Ghàidhlig?
Posted: Tue Nov 25, 2008 10:10 am
by GunChleoc
Thachair mi ris an samhradh seo (nach buidhe dhomh) agus bha a chuid Gàidhlig math gu leòr aig an àm saoilidh mise
Chan fhaca mi am prògram siud fhathast ge-tà is mi a' fuireach ann an dùthaich ceàrr
Tha e caran neònach co-dhiù gun do bhruidhinn iad 'sa Bheurla còmhla ris

Posted: Tue Nov 25, 2008 2:56 pm
by neoni
a ghunchleoc a bheil thu ag iarraidh swap a dhèanamh? thèid mis' a hamburg is 's urrainn dhutsa tighinn an seo.
Posted: Tue Nov 25, 2008 7:33 pm
by GunChleoc
Abair smaoin mhath!
Bhiodh sin furasta gu leòr ri dèanamh nam biodh mi nam oileanach fhathast

Posted: Wed Nov 26, 2008 8:33 am
by Seonaidh
Bhiodh sin furasta gu leòr ri dèanamh nam biodh mi nam oileanach fhathast
Oileanach chànan chuthachail
De thachras seo? "Biodh sin furasta gu leor ri deanamh nam biodh mi nam ... oileanach chanan chuthachal ... fhathast"????
Posted: Wed Nov 26, 2008 8:01 pm
by GunChleoc
Uill chan e ach oileanach an dèidh m'obair a th' annamsa a-nis

Posted: Wed Nov 26, 2008 8:26 pm
by neoni
fàg an obair agad. tha iad gad exploiteadh cò-dhiù.
Posted: Wed Nov 26, 2008 8:26 pm
by Seonaidh
Wye aye Gunch, tha fios agam air sin - bha mi a' tarraing asadsa!
'S dòcha gum faic mi thu aig an t-Sabhal?
Posted: Wed Nov 26, 2008 8:27 pm
by GunChleoc
An toir thusa airgead gu leòr dhomh a Neoni is fàgaidh mi e

Posted: Wed Nov 26, 2008 8:28 pm
by GunChleoc
Seonaidh wrote:'S dòcha gum faic mi thu aig an t-Sabhal?
Tha mi an dòchas gun tig an latha

Posted: Wed Nov 26, 2008 9:53 pm
by neoni
GunChleoc wrote:An toir thusa airgead gu leòr dhomh a Neoni is fàgaidh mi e

cha toir ach 's urrainn dhan dithis againn comann freeganachd a chur air bonn
Posted: Thu Nov 27, 2008 9:15 am
by GunChleoc
Dè tha sin?
Posted: Thu Nov 27, 2008 9:44 pm
by neoni
Posted: Fri Nov 28, 2008 10:58 am
by GunChleoc
Uill, feumaidh sinn clachan a chruinneachadh airson taigh a thogail. A bheil pìos beag talaimh agad?
Posted: Sat Nov 29, 2008 1:56 pm
by Gràisg
'Chan fhaicear rud cho truagh na leithid Donaidh Run Rig a' bruidhinn ri Cathy Bhàn ann am Beurla air dè tha "a' chiad chànan aige" a' ciallachadh dha. Chan eil mòran, tha e coltach.'
An t-Albannach
http://news.scotsman.com/gaelic/Tha-BBC ... 4744803.jp