Page 1 of 1

An dàrna beatha agus e-foghlam

Posted: Wed Dec 03, 2008 7:25 pm
by Gràisg
Image
Saoil am bi cothrom ann gus beagan e-foghlam fhaighinn tron darna-bheatha air loidhne aig an t-Sabhal Mhòr ‘mas fhìor’ san àm ri teachd? Tha grunn oilthigh a’ gabhail ùidh sa ghoireas seo. Gu ruige seo tha ‘second life’ air a bhith nochdadh sna meadhanan mar àite caran cunnartach a tha ag adbharachdh sgaradh-pòsaidh air sgath s adhaltranas ‘mas fhìor’ agus a leithid sin. A-nis ge-tà ma dh’fhaodte gum bi toradh feumail tighinn às a’ ghnothaich?
Dè do bheachd, am biodh ‘an darna beatha’ na deagh àite gus coimhearsnachd làn Gàidhlig a chur air dòigh? Cha robh mi a-riamh ann an ‘Darna Beatha’, a bheil thusa ga chleachdadh?

Posted: Wed Dec 03, 2008 8:28 pm
by GunChleoc
Chan eil mi ga chleachdadh agus saoilidh mi nach bi. Tha mi aig a' choimpiutair cus mu thràth :lol:

Posted: Thu Dec 04, 2008 10:18 am
by Seonaidh
Cha toil leam an dealbh sin. Tha na suidhean 'a coimhead glè neo-shocrach agus tha an t-sìde ro mhath.

Posted: Thu Dec 04, 2008 12:35 pm
by GunChleoc
Ach chan eil meanbh-chuileagan ann :P

Tha mi duilich nach eil beachdan nas feumaile agam, a Ghràisg. Duine sam bith eile?

Posted: Thu Dec 04, 2008 2:44 pm
by Gràisg
Tha e caran tràth fhathast GC, cha do dhuisg iad fhathast. :-)
Faodaidh tu a bhith nad mheanbh-chuileagan san dàrna bheatha? gheibhear fiosrachadh eile inntineach mu dheidhinn tachartasan neònach, neònach san darna beatha, innisidh mi dhuibh uair no uaireigin.

Posted: Thu Dec 04, 2008 6:22 pm
by faoileag
Tha mi eòlach air an Dàrna Bheatha, ged nach eil mi fhìn clàraichte an sin. Bidh caraidean agam 'ann' uairean is uairean.

Saolaidh mi gur e cothrom a bhiodh do dh'Fhionnlagh chòir 'Till' fheuchinn mar sin, agus rannsachadh saidheansail a dhèanamh.

Bhitheadh e inntinneach gu dearbh faicinn dè a bhios na daoine a' dèanamh às.

Posted: Sun Dec 07, 2008 7:51 am
by Neas Olc
Second life? Tha aon bheatha agam mu thràth- le mòran stùth ri dheanamh, cus airson aimsir a chosgadh tro fear eile a stiùireadh. :roll: Tha an t-ainm a cur an t-eagal orm. :lol: Bithidh cus furries neònach coltach rium ann cuideachd...
tha an t-sìde ro mhath.
Gu dearbh...ciamar am b'urrainn do cho-abairt Ghàidhlig a bhith ann gun sìde Albanach uabhasach, no air a char as lugha dubhar aingeach no dhà 'sa speur? Bitheadh sin an aghaidh natur.

Posted: Sun Dec 07, 2008 11:19 pm
by Seonaidh
Beagan gràmair - "Darna Bheatha" no "Darna Beatha"? Tha an 2 chuid an seo. Tha sèimheachadh an-dè "dà", agus gheibh an aon rud sa Chuimris (dà chàr - dau gar; dà bhlas - dau flas). Ach chuala mi nach eil sèimheachadh an-dè "darna", ged a tha sa Chuimris (an darna beatha - yr ail fywyd). An e an fhirinn a th' innte?

Posted: Mon Dec 08, 2008 11:23 am
by Gràisg
Halò Sheonaidh, 'sèimheachadh' bha mise ga chleachdadh le roimhear fillte 'tron', 's dòcha nach eil sin iomchaidh le dàrna, chan eil fhios agam. Beachd aig duine sam bith eile? 'S dòcha nach eil e co cudromach sa bha e - GOC's ann no às?

Beagan rannsachaidh google an seo:

tron dàrna cogaidh (am baile)
tron dàrna chogaidh (sgleog.com)

Posted: Mon Dec 08, 2008 1:36 pm
by An Gobaire
Beagan rannsachaidh google an seo:

tron dàrna cogaidh (am baile)
tron dàrna chogaidh (sgleog.com)
Rachainn-sa le "Am Baile". Tha a' Ghàidhlig aca nas fheàrr. Agus 's iadsan a tha ceart an seo co-dhiù!

Posted: Tue Dec 09, 2008 10:06 am
by GunChleoc
Tha an leabhar gràmair agam ag ràdh gu bheil sèimheachadh ann le: aon, dà, dà dheug agus a' chiad. Barrachd air sin, canar dà cheud, trì cheud, ceithir cheud, cóig cheud agus sia cheud, ach cha bhi sèimheachadh an leanntainn.

Seo na h-àireamhan àrdail dhut: http://www.akerbeltz.org/beagangaidhlig ... merals.htm

Posted: Tue Dec 09, 2008 10:23 am
by neoni
tha fhios nach bi dàrna a' seimheachadh, 's e an ceist am bu chòir dha h a bhith ann an cogadh an siud air sgàth an tabhartaich. (agus bu chòir :priob: )