Saoil am bi cothrom ann gus beagan e-foghlam fhaighinn tron darna-bheatha air loidhne aig an t-Sabhal Mhòr ‘mas fhìor’ san àm ri teachd? Tha grunn oilthigh a’ gabhail ùidh sa ghoireas seo. Gu ruige seo tha ‘second life’ air a bhith nochdadh sna meadhanan mar àite caran cunnartach a tha ag adbharachdh sgaradh-pòsaidh air sgath s adhaltranas ‘mas fhìor’ agus a leithid sin. A-nis ge-tà ma dh’fhaodte gum bi toradh feumail tighinn às a’ ghnothaich?
Dè do bheachd, am biodh ‘an darna beatha’ na deagh àite gus coimhearsnachd làn Gàidhlig a chur air dòigh? Cha robh mi a-riamh ann an ‘Darna Beatha’, a bheil thusa ga chleachdadh?
Tha e caran tràth fhathast GC, cha do dhuisg iad fhathast.
Faodaidh tu a bhith nad mheanbh-chuileagan san dàrna bheatha? gheibhear fiosrachadh eile inntineach mu dheidhinn tachartasan neònach, neònach san darna beatha, innisidh mi dhuibh uair no uaireigin.
Last edited by Gràisg on Thu Dec 04, 2008 7:13 pm, edited 1 time in total.
Second life? Tha aon bheatha agam mu thràth- le mòran stùth ri dheanamh, cus airson aimsir a chosgadh tro fear eile a stiùireadh. Tha an t-ainm a cur an t-eagal orm. Bithidh cus furries neònach coltach rium ann cuideachd...
tha an t-sìde ro mhath.
Gu dearbh...ciamar am b'urrainn do cho-abairt Ghàidhlig a bhith ann gun sìde Albanach uabhasach, no air a char as lugha dubhar aingeach no dhà 'sa speur? Bitheadh sin an aghaidh natur.
Beagan gràmair - "Darna Bheatha" no "Darna Beatha"? Tha an 2 chuid an seo. Tha sèimheachadh an-dè "dà", agus gheibh an aon rud sa Chuimris (dà chàr - dau gar; dà bhlas - dau flas). Ach chuala mi nach eil sèimheachadh an-dè "darna", ged a tha sa Chuimris (an darna beatha - yr ail fywyd). An e an fhirinn a th' innte?
Halò Sheonaidh, 'sèimheachadh' bha mise ga chleachdadh le roimhear fillte 'tron', 's dòcha nach eil sin iomchaidh le dàrna, chan eil fhios agam. Beachd aig duine sam bith eile? 'S dòcha nach eil e co cudromach sa bha e - GOC's ann no às?
Beagan rannsachaidh google an seo:
tron dàrna cogaidh (am baile)
tron dàrna chogaidh (sgleog.com)
Tha an leabhar gràmair agam ag ràdh gu bheil sèimheachadh ann le: aon, dà, dà dheug agus a' chiad. Barrachd air sin, canar dà cheud, trì cheud, ceithir cheud, cóig cheud agus sia cheud, ach cha bhi sèimheachadh an leanntainn.