Page 1 of 2
'S e
Posted: Fri Dec 05, 2008 10:46 am
by *Alasdair*
A bheil e ceart gu leòr a bhith a' cleachdadh 'S e mar seo:
'S e car dearg a th' ann
'S e airgead Eireannach a th' ann
- cuideigin/rudeigin + rudeigin -
'S e Aifric program Eireannach
'S e Alasdair gille mòr a-nis
- cuideigin/rudeigin + rudeigin + rudeigin -
Re: 'S e
Posted: Fri Dec 05, 2008 12:02 pm
by GunChleoc
*Alasdair* wrote:'S e car dearg a th' ann
'S e airgead Eireannach a th' ann
Tha sin ceart.
Chan eil mi cinnteach mun càch.
Re: 'S e
Posted: Fri Dec 05, 2008 2:51 pm
by Níall Beag
*Alasdair* wrote:A bheil e ceart gu leòr a bhith a' cleachdadh 'S e mar seo:
'S e Aifric program Eireannach
'S e Alasdair gille mòr a-nis
- cuideigin/rudeigin + rudeigin + rudeigin -
Chan eil mis' a' creidsinn gur e.
In fact I'm sure it's not.
What you've got here is three noun phrases: "e" "Aifric" "program Eireannach" and "e" "Alasdair" "gille mòr".
A verb can only tie two noun phrases together.
I (noun phrase) am (verb) Niall (noun phrase).
If you want to use "Is" as the only verb, drop the "e".
Is Aifric program Eireannach.
but
"Is" is an emphatic word, so people have taken to using it in a funny way to emphasise the emphasis. Yes, really.
So:
Is program Eireannach Aifric.
Basically, this is like in the nursery rhyme "Old King Cole" (who doesn't play for Chelsea):
And a merry old soul was he.
Because the poet switched the order, we know he really means it. And when Gaels say something "is" something, they really mean it. So they normally Old King Cole it.
Posted: Fri Dec 05, 2008 8:40 pm
by horogheallaidh
tha thu ceart gu leor son a chiad pairt ach dh'fhaodadh tu 's e! a chleachdach fhathast airson na seantansan eile mar seo;
'S e Aifric program Eireannach
becomes
'Se program eireannach a th'ann an Aifric
'S e Alasdair gille mòr a-nis
becomes
'S e gille mor a th'ann an Alasdair a-nis
a-nis tha barrachd emphasis air an tuairisgeul (description)
dochas gu bheil seo a deanamh ciall
niall beag - duilich ach chan fhaca mi riamh an structair a bh'agad airson Is - fius ann an doigh seo - tha fhios am air Is mar;
Is tu tha gorach
no
Is mi tha toilichte
ach feumaidh tu "tha" no tense eile a chleachdach
Posted: Fri Dec 05, 2008 8:57 pm
by neoni
tha 'n dàrna fear ceart ma tha alt ann
tha fhios agaibh uile air "'s e XXXX an t-ainm a th' orm"
's e alasdair an duine a chur an ceist an seo, msaa
chan eil e cho cumanta
Posted: Fri Dec 05, 2008 9:00 pm
by neoni
horogheallaidh wrote:niall beag - duilich ach chan fhaca mi riamh an structair a bh'agad airson Is - fius ann an doigh seo - tha fhios am air Is mar;
Is tu tha gorach
no
Is mi tha toilichte
ach feumaidh tu "tha" no tense eile a chleachdach
tha na sgrìobh esan gu math cumanta ann an gàidhlig na h-èirinn is tha e cuideachd ga chleachdadh sa ghàidhlig againne uaireanan, ach chan eil e idir cumanta.
's math sin msaa
Posted: Sat Dec 06, 2008 12:57 am
by Neas Olc
S e Aifric program Eireannach
Tha thu ceart gu coileanta, bithidh sin ag obrachadh math gu leòr 'sa Ghàidhlig (
Mhanainneach).

Posted: Sat Dec 06, 2008 1:01 am
by Seonaidh
A bheil e ceart gu leòr a bhith a' cleachdadh 'S e mar seo:
'S e car dearg a th' ann
'S e airgead Eireannach a th' ann
'S e Aifric program Eireannach
'S e Alasdair gille mòr a-nis
ANN - sin am prìomh rud an seo. Ach chan fhaic mi "ann" anns na 2 chuid gu deireadh. So stick ann ann:-
Tha Aifric na phrògram Èireannach
Tha Alasdair na ghille mhòr a-nis.
'S e "ann + a" a th' ann an "na". Tha e beagan coltach ris a' Chuimris an seo, m.e. "Tha Aifric na phrògram Èireannach" => "Mae Aifric yn rhaglen Wyddelig"; "Tha Alasdair na ghille mhòr a-nis" => "Mae Alecsander yn fachgen mawr nawr". Ach "'S e càr dearg a th' ann" => "Car coch ydy"' 'S e airgead Èireannach a th' ann" => Arian Gwyddelig ydy".
Tha fheadhainn a bhith air bruidhinn mu "'S e prògram Èireannach a th' ann an Aifric". Tha sin glè cheart, le buille air "prògram Èireannach", m.e. mar freagairt ri ceist "Dè seòrsa prògram a th' ann an Aifric?". Ach am bi thu a' faighneachd "An urrainn dhut ràdh rium ainm a' phrògraim Èireannaich?" Beagan contrived, creididh mise.
Posted: Sat Dec 06, 2008 8:18 am
by Neas Olc
Ach am bi thu a' faighneachd "An urrainn dhut ràdh rium ainm a' phrògraim Èireannaich?"
Airson an t-seantans sin s'e "s' e Aifric a th'air" a th'ann, nach e? Cha bhitheadh feum ort "s'e .... a th'ann" a chleachdadh idir air sgàth's gur e ainm a th'ann anns a'cheist.
(feum ort- a bheil sin ag obrachadh? Tha e tri uairean 'sa mhatainn an drasd' mar sin cha n'urrainn dhomh a bhith cinnteach).
Posted: Sat Dec 06, 2008 9:31 am
by GunChleoc
Neas Olc wrote:Cha bhitheadh feum ort
[...]
(feum ort- a bheil sin ag obrachadh? Tha e tri uairean 'sa mhatainn an drasd' mar sin cha n'urrainn dhomh a bhith cinnteach).
http://www.akerbeltz.org/beagangaidhlig ... dality.htm
Chleachdainn-sa
Cha bhitheadh agad ri
no
Cha b' fheudar dhut
Ach chunnaic mi
gun fheum air = "without need of / with no need for" ann an Ceilean Mark, agus saoilidh mi gum bi e ceart gu leòr ag ràdh:
Cha bhitheadh feum agad air
Posted: Sat Dec 06, 2008 10:17 am
by Stìophan
A bheil e ceart gu leòr a bhith a' cleachdadh 'S e mar seo:
'S e car dearg a th' ann
'S e airgead Eireannach a th' ann
Tha sin ceart Alasdair.
- cuideigin/rudeigin + rudeigin -
'S e Aifric program Eireannach
'S e Alasdair gille mòr a-nis
Tha sin ceàrr -bha horogheallaidh ceart leis an fheadhainn sin:
S e Aifric program Eireannach
becomes
'Se program eireannach a th'ann an Aifric
'S e Alasdair gille mòr a-nis
becomes
'S e gille mor a th'ann an Alasdair a-nis
Chan eil mi cinnteach mu dheidhinn an fhreagairt aig Seònaidh:
ANN - sin am prìomh rud an seo. Ach chan fhaic mi "ann" anns na 2 chuid gu deireadh. So stick ann ann:-
Tha Aifric na phrògram Èireannach
Tha Alasdair na ghille mhòr a-nis.
Tha e ceart ach cha chleachdainn-sa "na" mar sin, bidh mise ga cleachdadh nuair a bhios mi a' bruidhinn mu dheidhinn obraichean:
'
S e rianaire a th'innte no
Tha i na rianaire
Posted: Sat Dec 06, 2008 12:40 pm
by neoni
carson a tha sibh a' toirt cluas bhodhair dhan phost agam??
dh'fhaodadh tu ràdh "'s e aifrig am program èireannach"
chan fheum gnìomhair a bharrachd air is a bhith ann
GunChleoc wrote:Cha bhitheadh feum agad air
cha bhi sin ga chleachdadh ach le ainmearan.
tha feum agam air leabhar ùr
feumaidh/tha agam ri/msaa leabhar ùr
fhaighinn
Posted: Sat Dec 06, 2008 8:03 pm
by Gràisg
'S e rianaire a th'innte no
Tha i na rianaire
Tha beachd inntineach aig Akerbeltz a thaobh ' a th'ann' agus 'na'
Tha e den bheachd gu bheil diofar beag eadar an dà chuid.
'tha i 'na draibhear bus an-dràsda ach 's e banaltram a tha innte
she is a bus driver now but she really is a nurse'
tuilleadh an seo:
http://www.akerbeltz.org/beagangaidhlig ... ntials.htm
Posted: Sat Dec 06, 2008 10:20 pm
by horogheallaidh
neoni - chan eil fios am co tha ag innse dhut gu bheil sin ceart ach tha mi cinnteach nach eil e idir idir - tha an structair 's e' air leth eadar dhealaichte ris an structair 'tha' chan fhaod tu an da chuid a chleachdach anns an aon doigh - cha dean e ciall
's e duine gasda a th'ann an neoni
's e latha fliuch a th'ann an diugh
's e latha stoirmeil a bh'ann an de
msaa msaa msaa
Posted: Sat Dec 06, 2008 10:22 pm
by neoni
ach bidh sinn uile ag ràdh "'s e neoni an t-ainm a th' orm", nach bi?
cha chanamaid "'s e neoni a th' anns an ainm a th' orm" idir