Page 1 of 1

Gaidhlig Karaoke

Posted: Sat Dec 13, 2008 4:54 pm
by Gordon
Cia mar a tha sibh?

's mise Gordon agus tha mi ag ionnsachd Gaidhlig aig a Lews Castle College

Posted: Sat Dec 13, 2008 4:55 pm
by Gordon
agus, seo nis a Karaoke Gaidhlig :

http://www.milc-uk.co.uk/en/gaelic_karaoke.jsp

suid, sgoinneil

Posted: Sat Dec 13, 2008 4:56 pm
by Gordon
Sorry for my bad Gaidhlig!

Posted: Sat Dec 13, 2008 6:51 pm
by GunChleoc
Na bi duilich!

Fàilte ort air an fhòram :D

Posted: Sat Dec 13, 2008 6:53 pm
by neoni
chànain fàilte ort dhan fhòram

Posted: Sat Dec 13, 2008 7:31 pm
by GunChleoc
Tapadh leat :D

Posted: Sat Dec 13, 2008 7:36 pm
by neoni
:)

Posted: Sat Dec 13, 2008 10:16 pm
by horogheallaidh
hallo Gordon

meall do naidheachd dha rireabh leis a CD - tha thu air deagh phublicity fhaighinn anns na paipearan naidheachd agus s' e rud gle mhath a tha sin - dhut-fhein agus airson gaidhlig anns an fhaarsaingeachd! ;)

tha mo bhean air leth measail air karaoke agus cordadh seo rithe gun teagamh - sin preasant eile sorted!

taing!

Posted: Sat Dec 13, 2008 11:46 pm
by An Gobaire
Gordon wrote:agus, seo nis a Karaoke Gaidhlig :

http://www.milc-uk.co.uk/en/gaelic_karaoke.jsp

suid, sgoinneil
Tha mi fhìn ga cheannach an-dràsta, agus 's aithne dhomh cuid de na h-òrain air. Ach, bhiodh e math nam biodh òran Runrig air cuideachd! Agus, bha mi an dòchas "Mo Chailin dìleas donn", "Cànan nan Gàidheal", "An Eala Bhàn" mse fhaicinn air cuideachd. Ach 's fìor mhath a rinn sibh!

Posted: Sun Dec 14, 2008 12:51 am
by faoileag
Leugh mi fhìn mu dheidhinn cuideachd - tha a h-uile rud math gu dearbh a tha a' leasachadh doighean eadar-dhealaichte Ghàidhlig a chur am follais agus ga craoladh anns na meadhanan. Agus - tha fhios - bidh spors ann agus nì e feum do luchd na Gàidhlig is luchd-ionnsachaidh gu co-ionnan.

'S math a rinn thu! :D

Chan e a' chiad Karaoke Gàidhlig a bh' ann, ged-thà. :priob:

http://74.125.77.132/search?q=cache:JlM ... cd=2&gl=de

agus tha YouTube Karaoke snog agus feumail ann mu-thrath: :D

http://www.youtube.com/watch?v=VlJKXXbIzTw

(Kathleen MacInnes)

Posted: Mon Dec 15, 2008 11:20 pm
by Gordon
Tapaidh leibh, s'e a chiad DVD Gaidhlig Karaoke,

Seo nis, preview

http://uk.youtube.com/user/gaelicarts

Posted: Sat Jan 17, 2009 12:14 am
by Gordon
Tha Pròiseact nan Ealan agus Murray International Language Centre a' toirt cuireadh dhut a bhith an làthair aig foillseachadh sònraichte den chiad DVD Karaoke Gàidhlig a-riamh, Seinn thu Fhèin, aig

Centre for Contemporary Arts (CCA)
350 Sràid Sauchiehall
Glaschu
Air
23rd Gearran 2009 bho 5 - 6f

Nach tig thu agus nach fheuch thu air karaoke Gàidhlig - air neo dìreach suidh air ais agus èist ri na h-eòlaichean.

Bheil clàr-ama trang agad airson Celtic Connections? Na gabh dragh, cha chùm sinn ro fhada thu. Gabh gloinne fìona an-asgaidh agus grèim beag, èist ri òran no dhà agus dèan do shlighe chun ath thachartais... ach na dìochuimhnich lethbhreac den DVD a cheannach!

Tha sinn an dòchas d' fhaicinn ann !

Ma tha fios agad nach urrainn dhut a bhith ann na cumadh sin thu gun an spòrs a mhealtainn!Rach air-loidhne agus seinn còmhla ri seinneadairean ùra karaoke airson 30 diog no gabh misneachd agus òrdaich an DVD air-loidhne !

Posted: Sat Jan 17, 2009 7:51 pm
by Gordon
Should be January 23rd and not February

Posted: Tue Jun 02, 2009 3:06 pm
by Gordon
Thanks to all ' for the wonderful support of the first ever Gaelic Karaoke DVD. We have exceeded our sales targets and as the Hebridean Celtic Festival and National Mod approaches, we should completely sell out giving us funds to look at doing Seinn Thu Fhein a-rithist!

If you haven't already bought Seinn Thu Fhein, I would get one quick so that you have, in your music collection, a copy of the world's first ever Gaelic Karaoke DVD!

Thanks again for all your support in making this a real success,

Yours,
Gordon Murray