Page 1 of 1

Chan fhaod....

Posted: Sun Dec 14, 2008 11:04 am
by GunChleoc
An canar:

Chan fhaod tu

no:

Chan fhaod thu

Posted: Sun Dec 14, 2008 12:41 pm
by Níall Beag
A bheil diofar ann? Chreid mi gun robh d+th mar d+t có-dhiubh....

Posted: Sun Dec 14, 2008 1:58 pm
by Àdhamh Ó Broin
tha mi nam bheachd gur e cuis na blais a tha seo -dhomhsa co-dhiù, tha am fuaim nas fheàrr a' cleachdadh 'thu', ach 's docha gu bheil 'tu' ceart....

Posted: Sun Dec 14, 2008 4:24 pm
by neoni
's e a sgrìobhain "chan fhaod thu" ach dh'fhuimneachainn an dà chuid san aon dòigh

Posted: Sun Dec 14, 2008 5:40 pm
by Tearlach61
Saoilidh mi gu bheil an 'd' air deireadh fhaod a' cuir bacadh air seimhreachadh dhen fhacal 'thu'. Ann an comhradh, cha bhiodh mòran diofar ann.

Posted: Sun Dec 14, 2008 5:46 pm
by neoni
a rèir colin mark, 's e 'chan fhaod thu', ach 'faodaidh tu'

Posted: Sun Dec 14, 2008 9:41 pm
by Seonaidh
Uill, chan eil mi eòlach air Cailean Sràc, ach sin a chanas mise (gabh mo leisgeul - chan eil fios agam air na "were it to have been" fhathast sa Ghàidhlig), faod thu, fhaodas tu, faodaidh tu, fhaod thu.

Ach dè mu dheidhinn seo: can "nach fhaod thu", can "nach fhaod tu" - agus innis dhuinn dè an diofar!

Posted: Mon Dec 15, 2008 12:22 pm
by GunChleoc
Leugh mi nach eil blocked lenition ann ach le abairtean fixed no nuair a bhios seòrsa riaghailtean gràmair ann, m.e. suffix. Nuair a chanas mi "faodaidh tu", 's e suffix a th' ann an -aidh, ach chan e pàirt de suffix a th' ann an -d ann an "faod".

Agus bu chòir do dhiofar a bhith ann leis an fhuaimeachadh:

Chan fhaod thu = chan fhao[tu:] with an devoiced d.
Chan fhaod tu = chan fhao[t(h)u:] with an aspirated t.

Posted: Mon Dec 15, 2008 7:31 pm
by Seonaidh
Chan fhaod thu = chan fhao[tu:] with an devoiced d.
Chan fhaod tu = chan fhao[t(h)u:] with an aspirated t.
Chan fhaod thu sin a ràdh! Cha chreid mise gur e cànan "atomic" a th' anns a' Ghàidhlig, m.e. creididh mi gum bi "bhios tu" agus "bhios du" an aon rud le fuaimneachadh. Sin e, cha bhi analachadh leis an T as dèidh "faod", "bhios" is coltach. Mar "èisteachd" agus "èisdeachd". "taigh-òsta" agus "taigh-òsda". Ach uill, chan eil mi ach neach-ionnsachaidh, so what do I ken?