Carson a tha Hawaiianais a' dèanamh a leithid adhartas?
Posted: Wed Dec 24, 2008 3:09 pm
Tha Ruaraidh air a bhith a' toirt sùil air cùisean ann an Hawaii an taca ri suideachadh na Gàidhlig. A bheil mòran againn ri h-ionnsachadh bhuapa?
'Chuir na Hawaiianaich nàdar de chròileagain — Punana Leo (neadan cànain), mar a chanas iad riutha – air dòigh agus tha poileasaidh cànain aca annta a tha làidir làidir. Tha iad an dùil gum bi pàrantan, no co-dhiù aona phàrant, ag ionnsachadh a' chànain a cheart cho math ris a' chloinn. Rud eile a mhothaich mi — 's e sin gu bheil clann a chaidh tron t-siostam foghlaim aca a-nise a' roghnachadh Hawaiianais, seach Beurla, a bhruidhinn rin cuid chloinne fhèin. Tha mi a' togail na ceist ann an Cothrom, agus togaidh mi an seo a-rithist i — an sealladh rannsachadh air clann na h-Alba an aon rud? A bheil duine sam bith a' dèanamh rannsachadh de a leithid?'
Gheibh thu an aiste aige an seo:
http://www.inverness-courier.co.uk/news ... eursa.html