Cholera

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Cholera

Unread post by Gràisg »

’S ann gu tric a tha sinn cluinntinn mu dheidhinn Cholera ann an Zimbabwee. Nach truagh gu bheil a leithid dùthcha anns an staing sin ach san àm a dh'fhalbh bha an galar ud ri fhaicinn ann an Alba agus mòran àiteachean eile san roinn Eòrpa. Seo pìos bho Mac-Talla 03 09 1892. Tha sin a’ toirt orm smaoineachadh am bi sinn a’ dol air ais no air adhart sa mhillennium ùr a tha seo?

'Tha, 'n Cholera a sgapadh 's gach aite.
Ann an Ruisia, 'san duthchannan na
h-airde near tha i bualadh 's a toirt bas
nan ceudan gach latha, 's tha i nis air
leud a coise fhaotinn ann sa Ghearmailt 's
ann sa Fhraing. Tha beagan di eadhon
am Breatuinn. Fhuair dithis no triuir
bas faisg air Lunninn,'s rinn na dotairean
a mach gu'm b' e 'n cholera a bh'orra.
Dh'eug duine no dithis an Dundee, an
Glaschu, agus an Liverpool leis a ghalair
cheudna. Bu sheoladairean iad so uile
no luchd-imrich a bha dol o'n Ghearmailt
gu America. Tha 'n sluagh ann am
Breatuinn a gearain nach eil an luchd
dreuchd a deanamh na dh'fhaodas iad gus
a phlaigh a chumail air falbh. Tha eagal
air muinntir Chanada 's nan Staitean gu'n
dig i an taobh sa dhe'n chuan, 's tha cuid
de na dotairean am barail gu'n tig i
thairis ameasg nan luchd-imrich Gearmailteach.
'S math an ni gu bheil an
geamhradh a tighinn, oir cuiridh fuachd
us reothadh stad cirre 'm beagan uine.'
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Saoilidh mi nach tèid tinneas sam bith air falbh dha-rìribh, agus bidh tinneasan ùra ann bho àm gu àm. Seo na thachras nuair a bhios mòran sluaigh ann agus nochdaidh tinneas.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply