Page 1 of 1
Hallo a h-uile duine!
Posted: Sat Jan 03, 2009 3:53 am
by Mìchealag
Hallo agus Bliadhna Ùr Mhath duibh uile! Is mise Mìchealag NicIllemhaoil agus tha mi às na Staitean Aonaichte. Tha mi ag ionnsachadh a' Ghàidhlig aig an Oilthigh Arizona, ach tha e beagan doirbh gun duine sam bith cò leis a bhith a' deanamh cleachamh!!! Tha mi 'n dochas gum bith mòran toisgean airson bruidheann mhath aig am fòram seo.
Mar sin leibh!
Mìchealag
Posted: Sat Jan 03, 2009 10:19 am
by Gràisg
Madainn mhath Mhìchealag agus fàilte chridheil oirbh chun a' bhòrd bhrath seo. Bidh cothroman gu leòr agaibh beagan conaltraidh a dhèanamh ann an seo, tha mi cinnteach às.
A-nis innse dhomh, a bheil cùrsa agaibh aig Oilthigh Arizona? Mhothaich mi gu bheil ceither daoine a Oilthigh Arizona a tha air ballrachd a thoirt a-mach sa bhuidheann Facebook 'Cànanachas na Gàidhlig'.
Cia mheud luchd-ionnsachaidh a th' agaibh aig an Oilthigh?
Posted: Sat Jan 03, 2009 12:32 pm
by GunChleoc
Halò agus fàilte ort! Tha Gàidhlig glè mhath agad

Posted: Sat Jan 03, 2009 7:55 pm
by Seonaidh
Sin a tha iad a' bruidhinn ann an Airisiona - Gàidhlig agus Nabhacho...
Posted: Sat Jan 03, 2009 10:06 pm
by neoni
an e muriel a tha gad theagasg an sin?