BBC Alba - bliadhna ur air a tbh? math no dona?

Càil sam bith eile / Anything else
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

BBC Alba - bliadhna ur air a tbh? math no dona?

Unread post by horogheallaidh »

hallo a chairdean!

Bliadhna mhath ur dhuibh uile!

Nise, de ur barail air a telly oidhche ciadain? Gu sonraichte BBC Alba - bha mise deiseil airson oidhche mhor a bhith ann le ceilidh mor agus beo aig meadhan-oidhche ach de thachair? Thug mi suil air agus 's e program claraichte a bh'ann, nach e?

carson nach robh program beo ann? surely bha ceilidh ann aiteigin agus dh'fhaodadh iad craoladh a dheanamh?

s docha gu bheil mi cearr agus bha e beo ach cinnteach nach robh!

s docha nach robh iad airson daoine lan deoch a bhith ann beo air a tbh! mar na balaich bhatarsaigh!!!
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Bha mu feuchainn ri sùil a thoirt air ach thuit mi nam chadal, co-dhiù cha robh dad sam bith feumail air na sianalan eile nas motha, agus taobh a-muigh caran samhach air sràidean Inbhir Narann. Bliadhna mhath ùr dhut Horo :)
Àdhamh Ó Broin
Posts: 36
Joined: Sun Dec 14, 2008 11:29 am
Language Level: Fileanta
Location: Glas-achamh
Contact:

Unread post by Àdhamh Ó Broin »

Gu nadurrach, chòrd an ceòl rium glan, ach cha do chòrd na neach-labhairt (no preaseantairean ma thogras tu) rium da rireadh. 'cringeworthy' mar a th' aca air 'sa Beurla. Fada nas fheàrr na Diacaidh Buird co-dhiù....

:priob:
www.facebook.com/droitseach
Post Reply