Page 1 of 1

An t Eilean Dubh (Chan E !)

Posted: Mon Jan 12, 2009 10:01 pm
by Each
Tha e cuir iognadh orm cho mor sa than aireamh na "Geals" a dh'fuirich anns an Eilean Dubh gun cothrom gar cruineachadh.

De ur beachd ? a bheil uidh (no faighneachdas) aig duine eile san sgire ?

Posted: Tue Jan 13, 2009 12:46 am
by faoileag
Tha mise à faisg air an Eilean Dhubh (Machair Rois) ach cha bhi mi ann fad na h-ùine air sgàth mo h-obrach. Chan e dìreach hotbed den Ghàidhlig a th' anns an-Eilean Dhubh, an e? Ach carson nach e - cum ort, is 's dòch' gum bi sinn rudeigin a ruigsinn, ceum air cheum. 8-)

Thig sinn, thig sinn.... bi eagal oirbh! Bi eagal mòr oirbh! :spors:

Posted: Wed Jan 14, 2009 2:26 pm
by horogheallaidh
cho fad 's nach eil thu bruidhinn mu dheidhinn coimhearsnachd ur gaidhlig a chuir air doigh, air an eilean dubh - count me in! ;)

thug mo mhathair rabhadh dhomh mu na "cults" a tha sin!

:lol: :lol: :lol:

Posted: Wed Jan 14, 2009 7:31 pm
by Each
Na bith dragh ort, tha seo direach airson spors s' feala dha.

S doch gum bith Morag Domhnallach deonach bean an taighe a dheanamh, a bheil fios ca bheil a stiudeo aice ? :D

Posted: Wed Jan 14, 2009 7:45 pm
by GunChleoc
Feumaidh sin fòn a chur do RnG is fhaighneachd dhì :P