Page 1 of 1

Trioblaidean le Ulpan ann an Israel

Posted: Tue Jan 13, 2009 10:04 am
by Gràisg
Cho fad ‘s aithne dhomh tha an sgeama Ulpan a th’ againn ann an Alba stèidhicte air an sgeama ‘s th’ aca sa Chuimrigh agus thàinig sin as an Ulpan a tha iad a’ cleachdadh ann an Israel.

Chuir e iongnadh orm nuair a mhothaich mi gu bheil feadhainn ann an Israel ga chàineadh gu mòr mòr.

‘Sixty percent of immigrants to Israel over the age of 30 who graduate from Hebrew ulpan instructional courses are unable to read write and speak Hebrew fluently, according to studies presented Sunday to the Knesset's Immigration and Absorption Committee.
According to the findings, immigrants' language problems may have consequences such as unemployment and isolation, which can preclude their successful integration.’
Tuilleadh an seo:
http://www.haaretz.com/hasen/spages/813198.html

Tha Ulpan no Wlpan air a bhith sa Chuimrigh a-nis airson grunn bhliadhnaichean. A bheil fhios aig duine sam bith ciamar a tha iad a’ faighinn air adhart leis?

Posted: Thu Jan 15, 2009 3:02 pm
by Tearlach61
A bheil sin a' ciallachadh gu bheil 40% de na h-inbhich >30 bliadhna a dh' aois comasach comhradh sa chànan ùr?

Posted: Sat Jan 17, 2009 10:50 am
by Seonaidh
Dè tha iad ag ràdh sa Bheurla - "You can't teach an old dog new tricks". 'S dòcha gu bheil sin pàirt dhen fhreagairt. Agus mar a bhios tu a' fuireach ann an coimhearsnachd far nach cleachd iad Eabhra, chan faigh thu daingneachadh agus calladh tu an fheadhainn a dh'ionnsich.

Posted: Thu Jan 22, 2009 2:12 am
by akerbeltz
Tha a' chùis nas toinnte na sin. Tha trioblaidean aca le in-imrich a chaidh ann bho cionn ghoirid 's iad a' fuireach sna coimhearsnachdan aca fhéin, a' bruidhinn nan cànan aca fhéin.

Cha chreid mi gu bheil an dòigh teagaisg air cùlaibh na cùisa an triop seo ach dìth brosnachaidh. Agus mur eil cuideigin deònach rud ionnsachadh, chan eil e gu diofar dé cho math 's a tha an leabhar, cùrsa no oide...

A bharrachd air sin, chan eil móran a' cumail a-mach gu bheil Ùlpan 'na pheilear airgid. Chan eil peilearan airgid ann. ACH chan fhaod sinn dol às àicheadh gu bheil Ùlpan fada nas fhearr na mhórchuid dhe na clasaichean oidhche a tha againn ann an Alba an-diugh agus mar sin, ge be dé cho lochdach s a tha e fhathast, bidh 40% de shoirbheachas fada fada fada nas fhearr na an soirbheachas a gheibhear sna clasaichean oidhche àbhaisteach.

Posted: Thu Jan 22, 2009 9:48 am
by Gràisg
Akerbeltz, tha mise ag aontachadh leat a charaidh. Bhiodh 40% fada na b'fheàrr na 1% ,saoilidh mi gur ann mar sin a tha cuisean an drasta. Chì sinn dè thachras ann an Alba, bhiodh fiù 's 10% feumail, nach bhiodh?
An do rinn duine sam bith rannsachadh sa Chuimrigh? Dè an toradh (mar %) a tha tighinn às Ulpan fileanta gu leòr gus a bhith bruidhinn Cuimris sna coimhearsnachdan far a bheil Cuimris fhathast ga cleachdadh?

Seo rudeigin eile, saoilidh mi gur e seorsa Ulpan ann an Isreal le coltas Tip air, ach chan eil mi cho eòlach air a h-uile càil gus sin a ràdh le cinnt :-)


'Ulpan Or'has developed a revolutionary method for learning Hebrew at all levels. With 20 years experience and extensive research, Ulpan-Or developed The Rapid Language Acquisition (R.L.A) system

http://www.hebrewlessons.org/hebrew-les ... -ulpan-or/