Page 1 of 2

Dwelly air loidhne..Toradh sàr ghaisgich..Dwelly air loidhne

Posted: Tue Jan 13, 2009 5:23 pm
by Gràisg
+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++
'S ann mar chlach as an adhair a bha an naidheachd seo. Abair thusa gur e sàr-ghoireas tighinn am bàrr. Nach tèid sibh ann gun dàil? Sin thu fhèin Akerbeltz!
www.dwelly.info

Posted: Tue Jan 13, 2009 5:45 pm
by Níall Beag
Bha mise den bheachd gun robh Dwelly fo "copyright" gus an ath-bhliadhn. An robh me ceàrr?

But apart from that -- nach math sin!!!!

Posted: Tue Jan 13, 2009 6:40 pm
by GunChleoc
Taing mhòr a charaid! :flur:

Posted: Tue Jan 13, 2009 6:51 pm
by akerbeltz
Uell, bhàsaich e 25 Faoilleach 1939, chan eil ach beagan làithean air falbh ach co-dhiù, tha mi ag obair còmhla ri fear Uilleam MacRaibeirt a fhuair cead bhon fheadhainn mu dheireadh a bha còir-lethbhreac air a shon a chur air an lìon.

Tha sinn an dòchas gum bi e feumail do choimhearsnachd na G!

Posted: Tue Jan 13, 2009 7:43 pm
by horogheallaidh
abair goireas sgoinneil!

deagh naidheachd dha-rireabh

Posted: Tue Jan 13, 2009 10:27 pm
by neoni
chuala mi gun robh seo a' tighinn. taing mhòr mhòr, obair mhath fhèin tha seo.

Posted: Tue Jan 13, 2009 11:23 pm
by *Alasdair*
Tha barrachd a' tighinn air lion san ath-mhios na dha, uill 's e sin mar a thuirt mo thidsear.

Posted: Wed Jan 14, 2009 12:48 am
by faoileag
Goireas sgoinneil gu dhearbh fhèin! :mc:

Taing mhòr dha na h-ùghdarran! :D :D :D

Posted: Wed Jan 14, 2009 10:46 am
by akerbeltz
'S e ur beatha uile :D

Dé eile tha tighinn air loidhne sna mìosan seo tighinn, eadar dà sgeul?

Posted: Wed Jan 14, 2009 2:54 pm
by Tearlach61
Abair goireas feumail, fada nas fheumaile na facebook gàidhlig.

Posted: Wed Jan 14, 2009 3:16 pm
by akerbeltz
LOL agus gun sgillinn ruadh bhon a' Bhòrd!

Posted: Fri Jan 16, 2009 11:15 pm
by Gràisg
agus a-nis ga mholadh sa phàrlamaid :)

*S3M-3232 Alasdair Allan: Dwelly’s Gaelic Dictionary Online—That the Parliament congratulates Mr William Robertson and Mr Michael Bauer on making Dwelly’s Gaelic Dictionary available online for the first time at www.dwelly.info with both English to Gaelic and Gaelic to English search facilities and expresses its support for their continuing work to create Am Faclair Beag, a modern, comprehensive online English-Gaelic dictionary including sound clips, examples of word usage and strong involvement from the Gaelic community.

The member has provided the following Gaelic tr*nsl*t**n:

Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a-naidheachd air Uilleam MacDhonnchaidh agus Mìcheal Bauer airson Faclair Dwelly a chur air-loidhne airson a’ chiad turais aig www.dwelly.info le cothrom rannsachaidh a dhèanamh bhon Bheurla chun na Gàidhlig is bhon Ghàidhlig chun na Beurla agus gu bheil i a’ cur taic ris an dithis airson an cuid obrach gus Am Faclair Beag a chruthachadh, faclair Gàidhlig is Beurla air-loidhne, ùr-nòsach is iomlan le fuaimean, eisimpleirean de chleachdadh nam facal is tòrr obair com-pàirteachaidh leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Posted: Sat Jan 17, 2009 10:31 am
by GunChleoc
Chur iad ris an Stòr-Dàta e a-nis cuideachd. Bidh putan beag air nochdadh leis na toraidhean agus seo a choltas Image

They have now added it to the Stòr-Dàta too. There is a little button appearing with the results and it looks like this Image

Posted: Sat Jan 17, 2009 12:40 pm
by akerbeltz
Bha EDM ann am Pàrlamaid Westminster cuideachd (http://edmi.parliament.uk/EDMi/EDMDetai ... ESSION=899) ged nach d'fhuair e taic mhór (fhathast). Faodaidh sibh sgrìobhadh dhan BP agaibh (http://findyourmp.parliament.uk/commons/l/), ma tha ùine agaibh. :D

Gallaibh!!!!!!!!!!

Posted: Sat Jan 17, 2009 8:46 pm
by Àdhamh Ó Broin
Tha seo direach miorbhaileach!!!

Mìcheal còir! 's e seòrsa obair as fheàrr a th' ann gu dearbh! Cait am bithinn gun obair seo?

mu dheireadh thall, tha uinneag agam air ais dhan Ghallaibh agus an doigh-labhairt a bh' aig mo chuideachdsa!

Chan eil smuain aig duine idir dè tha seo a' ciallachadh dhomh! :D :D :D

Type in 'Caithness'!