Page 1 of 1

Cha d'fhuair Dwelly-d taic-airgid sam bith bho B na G

Posted: Sat Jan 17, 2009 1:48 pm
by Gràisg
Tha e doirbh a thuigsinn ach cha robh Bòrd na Gàidhlig, agus na buidhnean Gàidhlig dèonach taic-airgid a thoirt dhan phròiseict seo. Carson a bha sin?

'Cha d'fhuaireadh taic-airgid sam bith airson a' phròiseict, agus b'fheudar a dhèanamh gu saor-thoileach, le airgead nan daoine fhèin a bha an sàs ann.

"Tha Uilleam MacDhonnchaidh air a bhith a' sireadh taic-airgid airson Dwelly a chur air a' choimpiutair bho 2005, ach cha do shoirbhich leis. '

Tuilleadh air làrach BBC Alba:

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... elly.shtml

agus seo Dwelly-d
www.dwelly.info

Posted: Sat Jan 17, 2009 11:41 pm
by akerbeltz
Aidh, tha sin fìor. Deagh cheist carson. Chan eil fiù sinne buileach cinnteach ach tha coltas gu bheil cuid ann an saoghal na G a cur an uighean ann am Faclair Mór na G (ETA 3019) agus tha rudeigin eile a' dol (tha mi a' smaoineachadh) leis an fheadhainn a rinn F na Pàrlamaid. Ach chan eil fios dé, ciamar no cuine...

Posted: Sun Jan 18, 2009 9:57 am
by GunChleoc
akerbeltz wrote:(ETA 3019)
:lol: :lol:

Ciamar a chanas mi snark sa Ghàidhlig? :P

Posted: Sun Jan 18, 2009 4:20 pm
by akerbeltz
Chan eil fhios agam... dé th' ann an snark?

Posted: Sun Jan 18, 2009 7:17 pm
by GunChleoc

Posted: Sun Jan 18, 2009 7:19 pm
by Níall Beag
It's American for sarcasm -- which is weird given that Americans don't understand sarcasm (hence mispronouncing it, I suppose...)

Posted: Tue Jan 20, 2009 2:55 pm
by Tearlach61
Mas math mo chuimhne, nuair a bheachdaich mi air plàna na Gàidhlig, mhol mi an dearbh rud a tha seo, gum biodh am faclair Dwelly's ann an cruth dideadach.

'S duilich a chreidinn mar nach eil for sam bith aig B na G gur cùis-nàire a tha seo, a bhith a' toirt taic do rudan a tha gu tur suarach aig an ceart àm sa tha a' diùltadh taic do phròiseachtan cho susbainteach.

Posted: Tue Jan 20, 2009 5:40 pm
by An Gobaire
Mura robh cinnt ann roimhe, tha cinnt ann a-nis. Tha samh ann. Samh na coirbteachd a' tighinn am bàrr...ma dh' fhaoidte.

A' cur uiread de thaic ri pròiseact a bhios tè de na buill a' lìbhrigeadh.....nach fairich daoine eile am faileadh seo? :olc:

Posted: Tue Jan 20, 2009 11:06 pm
by Angus Òg
Sorry I don't speak although I understand.

Gobaire is reading far too much into the Sun article. Rosemary Ward's the Chief Officer so why wouldn't she be involved in delivering the project?

Posted: Wed Jan 21, 2009 2:02 pm
by An Gobaire
Ok. 'S e Alex Salmond am prìomhaire. Mar sin, dè tha ceàrr ma chuireas e beagan airgead ma seach dha fhèin anns na pròiseactan a tha e fhèin a' riochdachadh? - Banff is Buchan.

Chan eil fhios a'm ach ma bhios i faighinn buannachd phearsanta às an seo a bharrachd air na bhios i faighinn mar thuarastal airson a bhith na ball, chan eil sin ceart idir.