Page 1 of 1

Seinn thu Fhèin - Karaoke Gàidhlig

Posted: Sat Jan 17, 2009 8:26 pm
by Gràisg
Saoilidh mi gu bheil seo àiridh air a bhith taisbeanadh san t-sreath fhèin:

'Tha Pròiseact nan Ealan agus Murray International Language Centre a' toirt cuireadh dhut a bhith an làthair aig foillseachadh sònraichte den chiad DVD Karaoke Gàidhlig a-riamh, Seinn thu Fhèin, aig

Centre for Contemporary Arts (CCA)
350 Sràid Sauchiehall
Glaschu
Air
23 Faoilteach/23rd Jan 2009 bho 5 - 6f

Nach tig thu agus nach fheuch thu air karaoke Gàidhlig - air neo dìreach suidh air ais agus èist ri na h-eòlaichean.

Bheil clàr-ama trang agad airson Celtic Connections? Na gabh dragh, cha chùm sinn ro fhada thu. Gabh gloinne fìona an-asgaidh agus grèim beag, èist ri òran no dhà agus dèan do shlighe chun ath thachartais... ach na dìochuimhnich lethbhreac den DVD a cheannach!

Tha sinn an dòchas d' fhaicinn ann !

Ma tha fios agad nach urrainn dhut a bhith ann na cumadh sin thu gun an spòrs a mhealtainn!Rach air-loidhne agus seinn còmhla ri seinneadairean ùra karaoke airson 30 diog no gabh misneachd agus òrdaich an DVD air-loidhne !'