Page 1 of 1
Facal Oirbh
Posted: Tue Jan 20, 2009 5:50 pm
by An Gobaire
Abair gum bheil prògram math dha-rìreabh ann an-dràsta gach seachdain air Rèidio nan Gàidheal.
'S e prògram a bhios a' toirt seachad dhuinn sean-fhaclan, gnàth-fhaclan agus gnàthsan-cainnte. Prògram math dha-rìreabh do luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-meadhanach is adhartach.
Posted: Tue Jan 20, 2009 6:03 pm
by GunChleoc
Tha sin inntinneach. Tapadh leat airson innse dhuinn!
Posted: Tue Jan 20, 2009 11:58 pm
by Seonaidh
A' Ghobaire - chan eil thu air a bhith ag ràdh cus. M.e., CUIN a bhios am prògram ann? Dihaoine eadar 0115 is 0130? Diciadain eadar 0800 is 0817? Disathairne eadar 1440 id 1453? Dè an t-ainm a th' ann? "Dèanamh facail"? "Facail nach tuirt do mhàthair thu umpa"? "A Question of Sport"? "Ecossais pour les Belges"? "Nynorsk Ordboket"?
Tha e a' coimheat glè inntinneach - ach feumaidh sinn barrachd o bama fhaighinn
Posted: Wed Jan 21, 2009 12:27 am
by neoni
snakker du norsk seonaidh?
Posted: Wed Jan 21, 2009 9:31 am
by GunChleoc
'S e "Facal Oirbh" a th'air
http://www.bbc.co.uk/programmes/b00h5jq8
a' craoladh gach DiMàirt aig 11:30m agus 10:00f
Posted: Wed Jan 21, 2009 1:54 pm
by An Gobaire
Chan eil mi air a bhith ag ràdh cus.
Thmmmm. Chan eil thusa a' dèanamh ciall.
Chuir mi an tiotal "Facal Oirbh" sa chuspair. Agus bha mi an dùil gun rachadh daoine gu Èist a-rithist agus sùil a thoirt air an cinn fhìn.... duilich gun robh sin ro dhuilich dhuit.