Page 1 of 1

Sianal eile (just for fun) mar a chanas iad

Posted: Tue Oct 16, 2007 9:31 pm
by Gràisg

Posted: Wed Oct 17, 2007 12:17 pm
by GunChleoc
Tha e ag ràdh gur faoid mi feitheamh air, ach chan eil dad sam bith a' tachairt ach dealbh liath. Is urrainn dhomh cuir às co-dhiù.

Posted: Wed Oct 17, 2007 1:30 pm
by GunChleoc
F.S. Tha e ag obair mu dheireadh thall. Chan ann ach slaodach a bha e :roll:

Posted: Wed Oct 17, 2007 4:51 pm
by Gràisg
Tha mi duilich a charaid, carson nach sguir dheth agus dèan beagan obrach 8-)
Tha mise ga fhaicinn co-dhiù agus tha mi air mo dhòigh glan, tha fhios agam ma dh'fhaoidte nach bi ùidh aig duine sam bith eile ge-tà. :gunbheachd:
co-dhiù tha e làn thìde gun d'rinn mi rudeigin feumail, a bheil mòladh aig duine sam bith? :D

Posted: Thu Oct 18, 2007 9:12 am
by GunChleoc
Tha mi duilich, chan eil mi foighidneach gu leòr uaireannan...

'S dòcha gur urrainn dhut rudeigin le dealbhan bho Inbhir Narann a dhèanamh? :dealbh:

Posted: Thu Oct 18, 2007 10:31 pm
by Gràisg
'Beò' bho Inbhir Narann an dearbh mionaidh a tha seo :mc:

Posted: Tue Oct 23, 2007 6:22 pm
by GunChleoc
Chunnaic mi na sgeulachdan nuair a chaidh mi ann.

Posted: Sun Oct 28, 2007 7:03 pm
by Níall Beag

Posted: Sun Oct 28, 2007 10:14 pm
by Gràisg
'S e bhideo annabarach math a than an siud ach am biodh ceist 'copyright' co-cheangailte leis? Aig a' dheireadh tha e a' toirt iomradh air a bhbc'S e aon rud nuair a chuireas cuideigin rudeigin an àirde air Utube ach am biodh na fir-lagha a' gnoghadh air an doras agad nan robh e ri fhaighinn ann an àite eile?

Posted: Mon Oct 29, 2007 10:18 pm
by Níall Beag
Ah... a 'Bhìb. Chan fhaca mi na ainm air a' chiad nochdadh. Duilich-fhéin.

Posted: Wed Oct 31, 2007 8:39 am
by Níall Beag
A bheil trailer Seachd ann? Tha mi cinnteach gum biodh Simon Miller toilichte-fhéin ris. Tha e air Facebook ma tha thu ag iarraidh a dh'fhaighnich.

Posted: Wed Oct 31, 2007 11:14 am
by Gràisg
Chuir mi a' cheist sin air a charaid. Tha mi a' feitheamh air freagairt, rinn mi beagan a bharrachd sgudail ge-tà le windows media manager agus chuir mi an àirde e.
Seo phìos dheth 'just for fun' :craicte:
http://www.youtube.com/watch?v=8QvRSqWwVDQ

Ma tha webcam agad faodaidh tu a' dol beo air sianal a-nis. Seall air an làrach seo :cabhag:
http://www.blogtv.com/

30,000,000 channels and nothing on lol

Tha beachd air a h-uile càil a tha seo air a' bhlogair pholiteagach chliùteach seo ge-tà
Iain Dale

Thuirt esan, 'Video blogging is going to be big. Soon. It won't just be bloggers posting videos of themselves on TV like I've just done above. It won't even be films made by bloggers wearing their pajamas in their bedrooms. At least I hope it won't be. It'll be videos that sometimes make or break the news. '

Posted: Thu Nov 01, 2007 9:19 pm
by GunChleoc
Tha aodach-leapa agamsa. Am feum mi camara a cheannachd an-dràsda? :P

Posted: Thu Nov 01, 2007 10:01 pm
by Gràisg
:o aodach-leapa? Caite an do cheannaich thu iad? ùr nos?

Posted: Fri Nov 02, 2007 8:29 am
by GunChleoc
Cha do cheannaich, gu mì-fhortanach. Chaidh mi dhan Karstadt. 'S e bùth mòr a th' ann agus tha a h-uile rud a dh'iarras tu acasan. Gun Ghàidhlig ann co-dhiù.