Thuirt Liam air an làrach aige Gaelcast.com
'Thàinig an latha a bha feadhainn a’ fantainn ris o chionn fhada — tha ceann-suidhe ùr againn anns na Stàitean Aonaichte. Tha Barack Obama anns an Taigh Geal, agus chaidh Seòras Bush air ais gu Texas.
Tha John McCain fhathast anns an t-Seanadh, far am bi e gu math cuideachail, à-rèir coltais, gu Ceann-suidhe Obama, ged tha sin doirbh ri creidsinn nuair a smaoinichear air cho mòr a bha e na aghaidh trì mìosan air ais.
Tha mòran daoine air feadh an t-saoghail — mi fhìn nam measg — gu math toilichte gun do bhuannaich Obama agus gu bheil e anns an Taigh Geal a-nise. Cuiridh e an dùthaich air chùrsa cheart ’nam bheachd.
Ach tha mòran ann nach eil toilichte. Thaobh iad ri McCain agus Palin anns an taghadh — 56.9 millean dhiubh (thaobh 64.6 millean ri Obama). Tha iad a’ fuireachd air feadh na dùthcha, gu h-àraid anns an tuath ann an stàitean mar Alabama agus Arkansas, South Carolina agus North Dakota, Oklahoma agus, gun teagamh, Alaska'
Tuilleadh an seo bho Liam agus beachdan eile:
http://www.gaelcast.com/?p=96#comments