http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/Default.aspx.LocID-006new09u.RefLocID-00600f006.Lang-GA.htm wrote:Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann poblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig, làrach-lìn ùr fiosrachaidh agus lìonraidheil – mygaelic.com - an-diugh (Diciadain 4 Gearran 2009). Tha mygaelic.com ag amas air a bhith na h-àite tadhail do neach sam bith a tha airson barrachd fiosrachaidh fhaotainn mun Ghàidhlig – an cànan agus an cultar, turasachd agus tachartasan co-cheangailte ri Gàidhlig, agus dòighean agus làraich eile far an urrainn dhaibh a dhol an sàs anns a’ chànan. Tha mygaelic.com airson an dà chuid luchd-labhairt na Gàidhlig, agus an fheadhainn a tha ùr dhan chànan. Bidh an làrach inntinneach do gach neach aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig no a tha airson barrachd fiosrachaidh fhaotainn mun chànan, no a’ Ghàidhlig ionnsachadh.
Chaidh an làrach-lìn fhoillseachadh ann an Glaschu, le Linda Fabiani BPA, Ministear na h-Eòrpa, Cultair agus Cùisean an Taobh a-muigh. Bha riochdairean bho dhiofar bhuidhnean Gàidhlig air cuireadh fhaighinn a thighinn a choimhead air an t-sianal conaltraidh ùr-ghnàthach.
Thuirt am Ministear: “Tha Gàidhlig na pàirt dheatamach de dhualchas na h-Alba agus de bheatha chultarach an latha an-diugh. Tha e riatanach dhan Ghàidhlig san àm ri teachd gun cùm sinn òirnn a’ leasachadh an raoin fharsaing de chothroman a tha againn a-nis airson cleachdadh agus ionnsachadh a’ chànain. Tha mygaelic.com ’na phrìomh eisimpleir de mar a ghabhas Gàidhlig a bhith air a dèanamh nas so-ruigsinneach do na h-uile, agus gu dearbh bidh mar thèid an teicneòlais seo a chleachdadh tarraingeach don luchd-labhairt as òige a tha mar phrìomh mheadhan air a’ chànan a bhith seasmhach agus tèarainte san àm ri teachd. Is e ceum chudromach air adhart a th’ ann an cur-air-bhog an inntrigidh seo agus tha mi làn chinnteach gun cuidich mygaelic.com, còmhla ri grunn iomairtean eile, le neartachadh agus tèarainteachd na Gàidhlig ann an Alba.”
Tha mygaelic.com pàirt lìonraidheil sòisealta, pàirt ionnsachaidh agus na bun-fiosrachaidh stèidhichte air an eadar-lìon. Tha an obair leasachaidh air a bhith a’ dol air adhart airson dà bhliadhna. Tha an dreach Gàidhlig den tiotal, moghaidhlig.com, air a chlàradh cuideachd mar ainm malairt agus bithear ’ga chleachdadh ann an leasachadh na làraich san àm ri teachd.
Chaidh a’ phròiseact a stiùireadh leis a’ Bhuidhinn Conaltraidh Chruthachail, Creative Cell, stèidhichte ann an Glaschu, a bhuannaich an tairgse airson na pròiseict a rannsachadh, a dhealbh agus a thoirt gu buil. Bharantaich Creative Cell togail na làraich do Reefnet, a’ bhuidheann leasachaidh làraich-lin stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus chaidh stuth-sgrìobhaidh na làraich-lìn mygaelic.com a lìbhrigeadh le Alasdair Caimbeul bhon Eilean Sgìtheanach. Tha Creative Cell cuideachd a’ dèiligeadh ris an iomairt sanasachd agus àrdachadh inbhe a chuireas taic ris an làraich agus tha iad air an neach-labhairt Gàidhlig, Fiòna NicIlleDhuinn, fhastadh gus leasachadh na làraich a thoirt chun na h-ath ìre.
Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Ceannard an Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig: “Tha rudeigin aig mygaelic.com do gach neach le ùidh ann an Gàidhlig. Chaidh an stuth a th’air an làrach a dheasachadh aig trì ìrean cànain ach am biodh e tarraingeach do dhaoine gun Ghàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich. Am measg nam prìomh eileamaidean tha fiosrachadh mu raon fharsaing de ghnìomhachdan agus de bhuidhnean Gàidhlig, innealan eadar-obrachail gus a bhith a’ lorg no a’ cur ri àireamh charaidean, a’ cur air falbh theachdaireachdan agus a’ gabhail pàirt ann an deasbaireachdan.
“Is e aon de na prìomh amasan aig mygaelic.com a bhith a’ tairgsinn a’ chothroim do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhith ’gan toirt fhèin tro leasanan bunasach, agus a bhith ’na bun-fhiosrachaidh far am faigh iad cuideachadh agus taic gus an cuid eòlais air a’ Ghàidhlig a leudachadh. Faodaidh neach-cleachdaidh susbaint a chur a-steach a dh’fhaodas a bhith air a mheasadh leis gach neach a bhios a’ coimhead na làraich. Thathar ag iarraidh air barrachd fhileantaich pàirt a ghabhail ann am buidhnean conaltraidh adhartach, agus a bhith ’nan co-mheasadairean a bhios deònach taic càirdeil a thoirt do luchd-tòiseachaidh nuair a bhios iad a’ sireadh cobhair agus brosnachadh.”
Thuirt Sìm MacGuaire, Àrd-stiùiriche Creative Cell: “Chan eil an seo ach toiseach tòiseachaidh do mygaelic.com. Bithear a’ sìor leasachadh na làraich mar a bhios sinn a’ tàladh dhaoine ùra gun chànan agus gun chultar Ghàidhlig.
“San làraich tha roinn a tha air a chomharrachadh airson ionnsachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo, tha an roinn seo a’ mìneachadh nan adhbharan gus Gàidhlig ionnsachadh agus a’ comhairleachadh far am faod daoine a dhol airson sin a dhèanamh. A’ gluasad air adhart, thathar an dùil gum fàs an roinn gu ìre agus gum bi leasanan foirmeil ann a bhios a’ gluasad bho ìre tòiseachaidh gu eadar-mheadhanach gu adhartach. Bidh teacsa fogharach agus claistinn ann agus dh’fhaodadh bhideothan de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig a bhith leis. Is e am moladh, gum bi leasanan cuimsichte air clann a-mhàin san roinn seo cuideachd. Bidh na leasanan sin dathach agus spòrsail le gluasadan beòthail a’ dol leis a’ chlaistinn agus an teacsa. Bidh geamannan air an leasachadh cuideachd gus clann a bhrosnachadh gu bhith ag eadar-obrachadh agus a’ togail abairtean san dol seachad.”
Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird a-rithist: “Thèid iomradh a thoirt air buidhnean a tha an sàs anns a’ Ghàidhlig anns na roinnean iomchaidh den làrach, le ceanglaichean gu na làraich-lìn aca fhèin. Tha cothroman urrasachd agus adhartachaidh ann cuideachd do bhuidhnean aig a bheil rùn a bhith nas follaisiche. A thuilleadh air an sin, bidh comas aig gach buidheann iad fhèin a chlàradh san earrann lìonraidheil dhen làrach agus còmhlan a chruthachadh a dh’aon ghnothaich don bhuidheann aca fhèin, air am bi smachd gu tur aca fhèin. Faodaidh iad fiosrachadh mun bhuidhinn a chur ris, puist-dealain a chur gu daoine a bhios a’ ceangal ris a’ bhuidhinn agus cuideachd fiosrachadh a chur ris dhaibh fhèin agus às leth a’ mhìosachain thachartasan.
“Tha roinn nan tachartasan na pàirt glè chudromach den làraich. Tha an dà chuid, tachartasan air an clàradh leis an rianaire agus leis an neach-cleachdaidh, air an taisbeanadh air prìomh mhìosachan a dh’fhaodas neach sam bith fhaicinn agus a shìoladh a rèir ìre agus a rèir comais cànain.”
A’ cur fàilte air cur-air-bhog na làraich ùir, thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig: “Tha buil deireannach na h-obrach leasachaidh seo a’ riochdachadh prìomh earrainn de rannsachadh agus de leasachadh ann an Gàidhlig a bu chòir ar n-uidheamachadh gus barrachd a dhèanamh le daoine aig a bheil ùidh sa chànan, ach aig nach eil fios càite am faigh iad cothrom air an taic ionnsachaidh air a bheil feum aca, no an conaltradh le luchd-labhairt na Gàidhlig a tha cho cudromach dhaibh. Is e tasgadh sònraichte a tha seo don Bhòrd agus tha e deatamach gun cuir sinn taic riuthasan aig nach eil Gàidhlig a tha airson an sgilean adhartachadh, agus mar sin a’ cur ri soirbheas eaconamach is cultarach na h-Alba.”