Page 1 of 1

Fhuair Fabiani a' bhròg

Posted: Tue Feb 10, 2009 12:12 pm
by Gràisg
An t-seachdain a chaidh bha Linda Fabiani ri fhaicinn ann an Ceàrnag Sheòrais a' cur moghàidhlig.com air bhog agus an-diugh a' dùnadh an doras air a rathad a-mach den dreuchd mar mhinistear riaghaltais.

Cha b' ann an sin ach tuiteamas? :curam:


http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/7880931.stm

Posted: Tue Feb 10, 2009 5:46 pm
by akerbeltz
Ge-tà, 's e Mike Russell a thig 'na h-àite. Chanainn-sa gum bi sinn a cheart cho math airson na Gàidhlig.

Posted: Tue Feb 10, 2009 8:38 pm
by Each
Linda Bhochd.

Rinn i math dha rireabh a toirt pios beag no dha anns a ghaidhlig ann an Hollyrood.

Chi sinn ma tha michael ga leantainn.

Posted: Tue Feb 10, 2009 9:30 pm
by *Alasdair*
Awww, chan eil sin cho math. bha ise a' deanamh rudan math airson a' Ghaidhlig.

Cuideachd, tha mi eolach air Keith Brown - bha a chlann aig sgoil comhla rium. The esan a' fuireach suas an rathad bhuamsa :) 'S e duine snog a th' ann.