Pìos Eadar-theangachaidh

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
ruighean

Pìos Eadar-theangachaidh

Unread post by ruighean »

Tha mi ag obair air pìos ùr airson Naidheachdan Pinc ach chan eil mi cinnteach ciamar a chuireas mi Gàidhlig air pàirt dhe.

Seo agaibh na th' agam sa Bheurla:
The Presbyterian Church (USA) has tapped a 13-member committee to investigate the place same-sex unions should have in Christianity and wider society and issue a report in 2010.
Agus seo na tha mi air sgrìobhadh sa Ghàidhlig:
Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus faighinn a-mach an àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach taobh a-staigh Criosdaidheachd agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Dè ur beachd? A bheil seo ceart gu leòr neo a bheil eadar-theangachadh nas fheàrr agaibh?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Uill, tha e a' sealltainn ceart gu leòr, ach chan eil mi a' tuigsinn "tapped".
ruighean

Unread post by ruighean »

Seonaidh wrote:Uill, tha e a' sealltainn ceart gu leòr, ach chan eil mi a' tuigsinn "tapped".
Tapadh leat. A-rèir coltas tha e a' ciallachadh:
http://www.answers.com/tap wrote:To select, as for membership in an organization; designate. See synonyms at appoint.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus faighinn a-mach an àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach taobh a-staigh Criosdaidheachd agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Mholainnsa atharrachadh beag no dhà:

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèideachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aona-ghnèitheach san Chrìosdaidheachd agus san choimhearsnachd san fharsaingeachd.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

san Chrìosdaidheachd agus san choimhearsnachd
sa Chrìosdaidheachd agus sa choimhearsnachd
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
ruighean

Unread post by ruighean »

Mòran taing a Mhìcheil agus a Steafain. Tha seo fada nas fheàrr a-nis.
Post Reply