Page 1 of 1

Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

Posted: Thu Feb 19, 2009 8:02 pm
by Gràisg
An till Art le deagh naidheachd?

Image

Re: Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

Posted: Fri Feb 20, 2009 8:18 pm
by Níall Beag
Gràisg wrote:An till Art le deagh naidheachd?

Image
Óbh-óbh... dealbh caillte eile....

Posted: Fri Feb 20, 2009 11:23 pm
by Gràisg
Tha iad air tilleadh a charaid. Saoilidh mi gur e stailc a bh' ann air seirbheiseach air choireigin [color]

Posted: Sun Feb 22, 2009 9:20 pm
by Coinneach Cìr
:lol: Math fhèin a Ghràisg!!

Posted: Wed Feb 25, 2009 6:01 pm
by IainDonnchaidh
Chan eil mi ga faighinn :?:

Posted: Wed Feb 25, 2009 9:47 pm
by Gràisg

Posted: Fri Oct 30, 2009 5:07 pm
by akerbeltz
LOL aon mhearachd air soidhne tiamhaidh agus tha BPA a' cur ràmh ann... saoil an dèan e am fàbhar sin dhuinne cuideachd?

http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/sou ... 334170.stm

Posted: Fri Oct 30, 2009 5:42 pm
by GunChleoc
Carson nach seall sinn an soidhne a tha ag ràdh "Maliag" dha :lol:

Posted: Fri Oct 30, 2009 7:11 pm
by Seonaidh
Beeb wrote:Mr Lamont said: "This sign has clearly cost the taxpayer vast sums of money at a time when public funds are extremely tight.

"It is therefore disappointing that the officials at Transport Scotland did not take more care to ensure that the spelling of this important Borders town was not correct."
Nach do rinn cinnteach oifigearan Còmhdhail na h-Alba gum b' ann ceàrr a bha litreachadh an t-sanas?

Re: Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

Posted: Sun Apr 25, 2010 7:48 pm
by Thrissel
Obh obh. Bha mi aig òraid phoblach air a bha Western Scotland: Islands in the Mist Diciadain agus chuala mi an naidheachd seo:

Bha soidhnichean dà-chànanach sna Eileanan riamh, ach mar a tha an àireamh de luchd-labhairt Ghàidhlig a' fàs nas lugha, tha an àireamh de shoidhnichean dà-chànanach a' tuiteam mar an ceudna, oir tha iad a' fàs seann agus soidhnichean gun Ghàidhlig a chur anns an àite.

(Feumaidh mi aideachadh nach b' e seo fiosrachadh neònach a-mhàin a chuala mi ann ge-tà.) :roll:

Re: Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

Posted: Wed Apr 28, 2010 10:30 pm
by faoileag
Leugh mi am blog agad - 's gann gun do chreid mi sin! Càite an deach an òraid a thoirt seachad? Ann an Sasainn??
Ceart gu leòr, ma bhios an t-òraidiche gu math aosta, 's dòcha nach robh cuimhne no fiosrachadh ùr gu leòr aice, neo eòlas às an eadar-lìon air leasachaidhean as ùire ann an Alba, ach bu chòir dhan Bhritish Council fhèin co-dhiù a bhith nas fhaiceallaiche nuair a thaghas iad na h-òraidichean.

:mc:

Re: Soidhnichean rathaid Gàidhlig - sìth nar linn?

Posted: Thu Apr 29, 2010 1:13 am
by Thrissel
Chan ann, b' ann san t-Seic. Ach tha e coltach gu robh foghlam math aig a' bhean (a tha ag obair aig Roinn Bheurla (?; tha mi a' ciallachadh Engl Lang Dept) san oilthigh an-seo), 's mar sin cha chuirinn coire air a' BhC. Chanainnsa gu bheil i a' smaoineachadh "Uill 's ann ann an meadhan Roinn-Eòrpa a tha mi. Chan eil mi eòlach gu mòr air na h-Eileanan ach cò aig a bhiodh fios?"