Page 1 of 1

an diofar eadar "bidh mi ag ithe" is "ithidh

Posted: Mon Feb 23, 2009 11:03 pm
by neoni
an e dìreach mis' bhiodh na bu dhualtaich "ithidh mi a-màireach" is "bidh mi ag ithe sin gach latha" a ràdh? d.h. "ithidh" airson rudan san àm ri teachd is "bidh x ag Yeadh" airson rudan a nìthear gu tric?

tha fhios nach fhaicear sna leabhraichean sin ach bidh cànain ag atharrachadh ( :P ), is tha mi air seo a mhothachadh air iomadach neach. duine sam bith eile?

Posted: Tue Feb 24, 2009 8:23 am
by GunChleoc
Chanainn-sa "ithidh mi sin gach latha" ach 's e seo na thug iad dhomh is chan eil fiù 's Gàidhlig fileanta agam fhathast :chafhios:

Posted: Tue Feb 24, 2009 1:05 pm
by horogheallaidh
smaoineachadh gu bheil 'ithidh mi' nas fhearr na 'bidh mi ag ithe' ach tha an da chuid ceart gu leor - 'bidh mi ag ithe' ceart gu leor ma tha thu ag ionnsachadh mar a tha 'bidh' ag obair - msaa

Posted: Tue Feb 24, 2009 4:33 pm
by Seonaidh
Uill, chan eil sin direach mar an diofar eadar "I'll eat" agus "I'll be eating" sa Bheurla, ach creididh mi gum bi sin na rough guide mu a chleachd (mua, mua!)