Page 1 of 1

Làrach-lìn ùr aig Cli Gàidhlig

Posted: Tue Feb 24, 2009 11:15 am
by Gràisg
http://www.cli.org.uk/

Agus fòram na cois. Mu dheireadh thall cothrom don bhallrachd cli beagan conaltraidh air loidhne a dhèanamh? ‘S e laigse nach bu bheag a bh’ ann gun teagamh sam bith. An e làrach Beurla a-mhàin ge-tà? Chan eil putan Gàidhlig ri fhaicinn no an tig sin ann an ùine nach bi fada?
Air an duilleig ‘useful links’ gheibh thu ceangail do Mygaelic.com ach chan fhaigh thu iomradh sam bith air an àite seo no Abair Thusa no làraichen eile air a’ choimhearsnachd air loidhne.

Gàidhlig ann no às ‘s e làrach tarraingeach a th’ ann ge-tà.

Update 13.19:
Sgrìobh Akerbeltz beachd inntinneach san t-sreath seo agus saoilidh mi gu bheil e ceart. Co-dhiù mur a bheil Gàidhlig ann gu ruige seo faodaidh tu cànain eile feuchainn. :D Seall seo:

Image

Posted: Tue Feb 24, 2009 1:05 pm
by akerbeltz
Duh duh duh, tha coltas gun do chuir iad làrach ùr beò nach eil deiseil fhathast. Ma thèid thu gu duilleag rannsachaidh a rinn mi air Google

http://www.google.co.uk/search?as_q=&hl ... as_rights=

Chì thu gu bheil an dearbh stuth air gach duilleag. .... Bhiodh dùil agam ri planadh na b' fhearr bho Chlì agus Ìletec.

:roll: :roll: :roll:

Posted: Tue Feb 24, 2009 11:39 pm
by GunChleoc
Nuair a thèid thu dha na duilleagan sònraichte bidh putan ann is gheibhtear tionndadh Gàidhlig.

Tha Gàidlhig a dhìth air a' phrìomh dhuilleig co-dhiù